Skip to main content

‹‹‹ prev (22) Page 14Page 14

(24) next ››› AdvertisementsAdvertisements

(23) Page 15 -
An t-Samhuin, 1945.
AN GAIBHEAL.
15
GLEANN COMHANN.
Bha am feasgar ag ciaradh
’S mi siubhal troimh ’n ghleann,
Ach dh’ eisdinn gu siorruidh
Ri giubhal nan eun,
Le’m boidhchead’s an grinneas,
’N Gleann Comhann cho seimh ;
Is thaladh am binneas
Na h-ainglean a neamh.
Bha an t-arbhar cho orach
Am mulan is cruach,
’S na dailean cho porach
Air comhnard is bruach ;
’S an t-sobhrag’s an cluaran
Cur dreach air gach ni,
Is uisg as an fhuaran
Toirt abhachd do’m chridh.
Mun cuairt air Torr Driseach
Bha aimeag is smeur,
’S an garadh cho measach
Le ubhlan is peur ;
Bha am bradan san linne
’S damh-croic air an t-sliabh,
’S an tighean a’ Ghlinne
Bha measan is biadh.
Bha an iolair ag iadhadh
Mun bhinnein a b’ aird’,
Ach luaithe na a sgiathan
Dh’ fhalbh smuaintean a’ bhaird
Air ais troimh na linntean
A dh’ fhag e ’na dheidh,
’S bha solas ’na inntinn
Le gloireachadh Dhe.
Baile-a-Chaolais. Alasdaxe MacRaing.
0
SPAISDEIREACHD RAIBEIRT BHRUIS.
Fheara dhoirt gu trie bhur fuil
Armunna Uallais, shaighdearan Bhruis
Tha sibh dol gu bas ’nur tuil
No gu buaidh is g’ a feabhas !
Nis an uair is nis an latha,
Sud ar namhaid catharra
Sud Feachd Eideird dhannarra—
Daorsa is braighdeannas !
Co a bhitheas ’na bhrathadair ?
Co a bhitheas ’na mhealltair ?
Co an eigin ’na tharlaid bhios ?
Ghealtair ! Romhad ! Falbh !
Leanaibh mi gu buaidh no bas
Fheara ’ruisgeas claidheamh gu dan
Air son righ is laghannan—
Coir na h-Alba !
Aghaidh cradh a’ chruaidh-smachd
Air son cuis chruaidh bhur mac,
Doirtidh sinn ar fuil gun rachd
Chum gum faigh iad saorsa.
Casgraidh sinn na fir gun dlighe,
Aogaidh fir-fhoirneirt d’ ar brigh,
’Sann chun na saorsa a tha ar clith—
’S b’ fhearr am bas na ’n daorsa !
■—“Scots Wha Hae ” le Raibeart
Bums, air ’eadar-theangachadh o
Ghallchainnt na h-Alba le Seumas
C. G. Griogalach.
SGEULAGHDAN O N LOCHLANNAIS.
An Sean Cheatharnach agus an Naoidhean.
Aig an am sin bha Bersi nan Comhrag-Deise, no
Holmgang-Bersi, a’ fuireach an Saurbacr. Chaidh e a
choimhead air Amhlaibh agus dh’ iarr e air a mhac Halldorr
gu bhith ’na dhalta aige. Dh’ aontaich Amhlaibh le sin, agus
thainig Dalldorr dhachaidh leis an t-sean duine, is gun e ach
bliadhna a dh’ aois aig an am. Dh’ fhas Bersi car b-eoite as
t-Samhradh, air chor is gun robh e air slait a dhroma ’na
leabaidh a la’s a dh’ oidhehe. Tha e air aithris, latha bha sud,
nuair a bha each trang ris an fheur an Tunga agus nach robh
a stigh ach an dithisd ud, Halldorr agus Bersi, gun robh
Halldorr ’na laighe ann an creathail. Chuir a’ chreathal car
dhith fo ’n phaisde agus thuit e a mach air an briar. Cha robh
Bersi air chomas cas a charachadh leis gun robh e gu bochd,
agus ghabh e an rann so :—
Is ionnan do 'n dithist, a mhicein, dhomhfhein is duit,
le cMile 'nar slneadh gun sgr'id, gun chomas cuir.
Bhuidhinn an dig' ort 's chuir brebiteachd na h-aoise rium—
traoghaidh t’ euslaint ach fanachd, ach, mo ghalar, tha ’n
t-eug ’na bhun. (Laxdaela Saga.)
Mar a Fhuair Hallfredhar am Bard Lochlannach
Bas.
Bha Hallfredhar bine fhada air thurusan agus chan
fhaigheadh e fois an aite sam bith an deidh bas Amhlaibh an
righ. Dh’ fhalbh e gu ruig an t-Suain a thadhal air a mhac
Audhgil a dh’ fhaicinn a’ bheairteis a bh’ aige. Chuir e roimhe
fuireach an sin.
Bha Hallfredhar ’na dha fhichead bliadhna ach beag
nuair a shocraich e air losland a thoirt air a dh’ fhaotainn a
chuid airneis a dh’ fhag e an sin. Dh’ fhalbh Hallfredhar Og,
mac eile dha, comhla ris, agus fhuair iad side ghailbheach agus
miobhadh nach bu bheag air an rathad mu thuath. Ghabhadh
Hallfredhar a thacan fhein de ’n taomadh, ach, codhihbh,
bha e gle thinn. Latha a bh’ ann, nuair a leig e an taoman
deth rinn e suidhe air an t-slait mhoir (is fheudar nach robh
na sibil rithe aig an am) agus a thiota bhris tonn a steach
oirre agus thilg i e sios an briar a’ bhata agus an t-slat air a
mhuin. An sin thuirt Toraild : “An d’ rinn e cron ort idir, a
bhrathair ? ” Chunnaic iad gun robh e air a ghoirteachadh
agus chuidich iad sios e gu deireadh a’ bhata ; agus ghabh iad
uime, is dh’ fheoraieh iad dheth ciod e am beachd a bh’ aige
air a chor fhein.
An s:n ciod e a chunnaic iad ach bean a’ tighinn an deidh a’
bhata air uisge na stibireach. Bha i fuathasach mor agus
luireach stailinn uimpe. Choisicheadh i air cirein nan tonn
direach mar gum biodh i air fior thalamh tioram. Sheall
Hallfredhar an taobh a bha i agus dh’ innis e dhaibh gum b’ i
sud a thamhasg no a spiorad coimheadachd fhein. Dh’ eigh
e rithe : “ Is ann a tha mi ag radh riut gun do chuir mi cbl
riut, agus nach gabh mi gnothuch riut tuille ” (oir bha e air a
dhoighean paganach a threigsinn.) Thuirt ise : “A Thoraild,
an gabh thusa rium ?” Thuirt Toraild nach gabhadh. An sin
thuirt Hallfredhar Og: “Gabhaidh mise riut.” Le sin
thionndaidh i air ball is chaidh i as an t-sealladh. An sin
thuirt Hallfredhar : “Dhuitsa, a mhic, bheir mi an claidheamh
Gibht An Righ, ach theid a h-uile seud eile anns a’ chist maille
rium, ma ’s e is gun caochail mi an so air a’ bhata.” Agus
ghabh e na rainn so :—
Dh’ fhalbhainn a nis gun smalan
na’m b’ fhios domh m’ anam a bhith tearuint!
As m’ oige bha mi bras ’nam bhruidhinn—
falbhaidh na h-uile, is fheudar.
Cha bu chbram dhomh ni am feasda
mur b’ e an t-eagal so roimh Ifrinn.
A Dhia, nuair ruigeas mi thallad
gun toir Thu dhomhsa dachaidh bhiothbhuan.
Tacan an deidh sin chaochail e, agus chuireadh e ann an
ciste agus a sheudan leis, a chlebo, a chlogaid agus ’fhainneachan,
agus leig iad an t-iomlan sios le cliathaich a’ bhata. Thainig
a’ ohist air tir an I ann an Eileanan na h-Albann, agus fhuair
seirbhisich an aba i. Spealg iad a’ chist ’na claraibh beaga
agus thug iad leo na seudan a bh’ innte. Chunnaic an t-ab
bruadar as t-oidhohe, gun tainig Amhlaibh an righ far an