Skip to main content

‹‹‹ prev (10) Page 2Page 2

(12) next ››› Page 4Page 4

(11) Page 3 -
An Dslmhar, 1945.
AN GAIDHEAL.
ann ainneamh a chuala sinn fear-labhairt Gaidhlig a
bheireadh barr air air ard-urlar, agus tri buadhan an deagh
labhraidh air na theireadh e— ’se sin : rian, gliocas, giorrad.
Bha e o naoh ’eil fhios cuin ’na bhall de ’n Chomunn
Ghaidhealach. Shaothraich e greis air an Ard Chomhairle,
agus eadhon greiseag ’na Fhear-gairme Comhairle a’ Chlodh-
bhualaidh.
Bha coinneamh mhor aca an Geann-loch a chur failte air
a’ Mhinisteir choir, agus a leigeil fhaicinn dha, speis is gaol a
choimhthionail agus a’ bhaile, dha fhein agus d’ a cheile
chaoimh. Nochdadh sin dha chan ann a mhain le briathran
beoil ach le tiodhlacan luachmhor mar a tha cloca ciatach a
bhios a’ bualadh le fonn binn; agus suim mhor airgid, agus
baga-laimh breagha do bhean-an-tighe. Nochd a’ Chleir agus
cairdean eile an deagh-ghean dha cuideachd, agus bu mhaith
leis a’ Ghaidheal meal-an-naidheachd a chur air a charaid
cuideachd, agus caraid na Gaidhlig ’s nan Gaidheal. So, ma
tha, lamh a’ Ghaidheil dha.
Aonghus Robastan — Tha Aonghus Robastan, no
Aonghus MacDhonnachaidh mar a bhitear a’ sgriobhadh,
air tighinn air ais do dh’ Alba. Is fheairde Alba’s a’ Ghaidhlig
sin. Thug An Gaidheal a’ chomhairle air a charaid deireadh an
fhoghair an uiridh e Lunnainn fhagail, seach gun deanadh e
barrachd feum le bhith chomhnuidh an Alba. * Ghabh e ar
comhairle. Mar a tha fhios aig an diithaich uile is e Roimh
Cheann Suidhe a’ Chomuinn Ghaidhealaich a tha an Aonghus,
agus far am bi esan bidh fianuis ghlan agus shoilleir air a togail
air taobh nan Gaidheal agus na Gaidhlige. Tha sinn ag cur
failte air ar caraid air ais. Tha e a’ fuireach a muigh air
braighe Ghlaschu, ann an aite ris an canar Garaidh a’ Mhath-
ghamhna.
Moine nam beannachd.—Bha mi smaoineachadh
sin an drasda fhein agus mi ’nam shuidhe air mullach
Sithein Lionabhair, an Crabhlastadh, air taobh-siar Eilean
Leodhuis, air feasgar ciiiin grianach, tpiseach mios September.
Chi mi mu mo choinneamh an'sud’s an so ri taobh an rathaid-
mhoir aon dusan cruach mhonadh, agus gach te dhiubh cha
mhor uibhir ri beag thigh. Tha sin an aon mhir de’n bhaile.
Tha Traigh nan Strupan agus Traigh Mhor Uig mu mo
. choinneamh, eadar tri is ceithir mile air fad. Tha an t-arbhar
buidhe san deis a’ feitheamh ri a ghearradh. Tha barr a’
bhuntata leigeil fhaicinn gu bheil e fhein faisg air a bhith
lan abaich; am feur ’na thrathaich, agus cocan air a
dheanamh dheth an sud’s an so, a’ feitheamh ri sig a dheanamh
dheth san iothlainn. Tha lan abachadh is fior phailteas air
gach laimh, agus pailteas eonnaidh an cois sin—cruachan
mora monadh, air an steidheachadh gu reidh riaghailteach,
’nam miann do’n t-siiil.
Gu dearbh is e a’ Ghaidhealtachd a tha gu maith dheth.
Chan ’eil a bheag eile de’n rloghachd a tha cho maith dheth
rithe air iomadh doigh; agus tha an connadh cho pailt ri
rudan eile.
Ann an so aig bonn an t-Slthein tha cruach mhor de
mhoine na bliadhna an uiridh, agus tha innte na ni connadh
gu toiseach Mairt so tighinn, tha iad ag radh rium. Thai
moine na bliadhna-sa a muigh air a tughadh fa chomhair na
h-ath bhliadhna—tha i cho pailt an sin.
Tha cion guail is connaidh air a’ chuid eile de ’n diithaich
ach tha gu leor is pailteas de mhoine air a’ Ghaidhealtachd;
agus gu dearbh b’ e sin an connadh tlaohdmhor—co-dhiubh
moine Chrabhlastaidh. Tha i cho geal lasrach san teine’s gu
leughadh tu leabhar ri a solus air oidhche gheamhraidh. Is
minic a rinn mi e’s mi ’nam bhalach.
Is iomadh buaidh is beannachd a tha air a’ mhoine. Tha
i glan is fallain. Saoilidh tu gu bheil slainte is leigheas san
riasg fhein aig am a buain. Agus co aige nach ’eil cuimhne air
a’ choibhneas’s an cur-seachad a tha ’na buain le sgioba air
a’ bhlar-mhonadh latha brfeagha samhraidh. Thig ceo na
mbnadh thugad am muigh air aiteal an fheasgair mar thuis
bholtrach. Tha a’ mhoine glan is furasda a laimhseachadh
seach an gual; agus tha i cho pailt ’s nach ruigear a leas a
roinn no a riaghladh. Moine nam beannachd, gun roinn gun
ghainne. Agus faodaidh daoine fhein a buain ’s a h-arach ’s
a greidheadh. Moine am pailteas, sin aon de bheannachdan
na Gaidhealtachd an drasda, agus mdran san rioghachd ’gan
ragadh le cion guail. Gu dearbh faodaidh na Gaidheil a radh
Moine ham beannachd.
Sgriach na faoileig.—Bha mi leughadh ann am
Punch an la-roimhe, agus mi air mo thurus dh’ ionnsaigh
mo sheann eolais an Eilean Leodhuis, seorsa de dh’ bran
abhcaideach air an fhaoileig, le A.P.H. Bha sin san treine
.agus mi air mo shlighe gu Gaol Loch Aillse. Is ann air na
faoileagan sin a tha timchioll air Drochaid nam Manach
Dubha an Lunnainn, na faoileagan a tha tighinn beo air dad
a thogas iad sa’ pholl an sin, a bha an t-bran. Bha am bard ag
cur ceist air na faoileagan sin a tha tighinn beb ann an iiileadh
’s an eabar na h-aibhne, agus a’ faoighe an loin, sios is suas air
bruaich na h-aibhne; bha e ag cur ceist orra le truas: Na
smaoinich iad riamh air cladach Chornuall, far a bheil glaine
is sian, agus iasg am pailteas. “ Carson,” ars esan ris an
fhaoileig sin, “ a tha thu tighinn beb air closaich cait, agus air
cnamhan coin, an Lunnainn, nuair a dh’ fhaodadh tu a bhith
an glaine is am pailteas air cladach an lain ’s na lagaraid ? ”
Bha mi ’nam shuidhe san treine gu tosdach samhach,
agus mi ’nam bheachd fhein a’ deanamh beagan feallsanachaidh
air a’ chilis : a’ smaoineachadh mar a bha so coltach ri daoine
a tha tighinn beb an gainne’s an salchar a’ pheacaidh, an aite
a bhith sebladh air cladach glan na saorsa’s na fireantachd,
os cionn cuan uaibhreach, a’ cheartais’s na naomhachd. Bha
mi mebrachadh mar so, nuair, mar gum b’ eadh, a dhuisg
sgriach na faoileig mi, agus sinn dluth do ’n Strom. Dh’
eiltich mo chridhe ri a sgriach. Thug mi siiil a mach air
uinneig na treine, agus bha i ann an sin ’na glaine is ’na grinneas
a’ sebladh an aghaidh an t-soirbheis. Bu mhiann sula learn a
colainn sgiobalta fhaicinn, agus bu chebl cluais learn a sgriach
taitneach a chluinntinn. Co an t-Eileanach, no am fear eile
chaidh a thogail an cois cladaich, nach dean aoibhneas nuair a
chi’s a chluinneas e as hr an fhaoileag lurach ? Co am fear a
tha mar tha mise an drasda, ’s a chbmhnuidh am meadhon na
diitheha, fad o thuinn’s o chladach, nach eiltich ’na chridhe
ri sgriach na faoileig, agus nach tog faicinn a colainn sgiobalta
air sgiath an riarachais ?
Lean i, ma, do ’n Chaol sinn, i fhein agus. cbmhlan eile,
mar gum biodh iad ag radh : Eisd is faic a nise sinn, gabh do
shath’s do theannadh dhinn : agus amhairc air ar sebladh mar
chebl tiamhaidh a null’s an nail, is sios is suas.
Lean iad air an “ Lochness ” sinn, buidheann an deidh
buidhne dhiubh, agus cha b’ urrainn dhomhsa gun a bhith
ag eisdeachd riutha le an gogadaich’s le am briodal, os cionn
na gaoithe ag radh : Cait a bheil miann do raghainn a nis?
Am measg chraobh is chnoc, no a’ sebladh air bharr nan tonn,
agus am muir caomh is ceanalta, agus a’ ghaoth mar dh’
iarrte ? Agus rinn i sgriach an sin !
Choidil mi an oidhche sin am Baile mbr Stebrnabhaigh
agus a sgriach ’na mo chluais agus a teachdaireachd ’na mo
chridhe; agus air moch mhaduinn an la-maireach dhuisg i
mi le a briodal beannaichte. Pad cho’-la-deug bha a sgriach
’na chebl’s na bhiadh do m’ aigne air cladach na mara far a
bheil a’ ghrian a’ dol sios air taobh-siar Eilean Leodhuis—a’
ghrian ghlbrmhor ag cur brat bir air na h-Eileana Flannach
-’s air Hirt agus a’ deanamh beanntan br-bhuidhe de na neoil os
an cionn.
Firinn airson a’ mhios so.—Is beannaichte luchd-
deanamh na sithe: oir goirear clann Dhe dhiubh.—
’ Mata v, 9.
Am Feae-deasachaidh.
THE ROAD TO GLENFINNAN.
Eight—seven by the sun—on a blue early autumn
morning. On the long green bosomy waves of the Braes of
Balquhidder frail streamers of white mist lifted and scattered.
Beside the little hollow of the spring where a seventeenth
century minister drew his water, a minister whose somewhat
unorthodox fate was to end in that Secret Commonwealth
of fairies which he had described with such a gusto of detail
. . . beside the shadowy dimple of the spring, the game
little car stood ready for her long road, hugging her carefully