Skip to main content

‹‹‹ prev (9) Earrann 1, An Dàmhar, 1945Earrann 1, An Dàmhar, 1945

(11) next ››› Page 3Page 3

(10) Page 2 -
AN GAIDHEAL.
An Dfimhar, 1945.
Labhair an sin am Morair Seumas Stiubhard-Moireach
ris a’ mhor shluagh. Is esan cuideachd Diuc Atholl
agus Marouis Thulaich Chardainn. Thug e braid brdail
dhruidhteach dhuinn mu na Cinn Chinnidh a dh’ eirich le
Tearlach, agus mu na Gaidheil an uair sin agus sa’ chogadh
so a bha direach air criochnachadh, agus sa’ chogadh mhor
roimh an sin. Agus mus do chriochnaich e chuir e air a cheann
a bhoineid leis an t-suaithneas-bhan a bha am boitieid a shinnsir
fhein, Marcuis Thulaich Chardainn, an cogadh Thearlaich.
Thog so dion bhasbhualadh bho’n domhladas mhor sluaigh
a bha ceithir thimchioll.
Labhair an sin an t-Urramach Calum MacLeoid, Ceann
Suidhe a’ Chomuinn Ghaidhealaich, mar bu dual ann an
Gaidhlig, agus is e so a thubhairt esan :—
Fhir na Cathrach,—a Mhorair Seumas, a Mhic
Dhomhnaill Duibh, agus uaislean Gaidhealach eile:
Mar is maith tha fhios agaibh chan ’eil sluagh eile san
rioghachd, no eadhon an impireachd mhor Bhreatainn as
dilse agus as durachdaich do ar Righ’s ar Banrighinn na
na Gaidheil. Chan ’eil sluagh eile arm—ged is mor am
facal e—aig a bheil a leithid a charthannas’s a ehoibhneas
’n ancridhe is ’nan inntinn do-a Mhorachd Chaomh, Righ
Seoras VI, agus do ar Banrighinn Ghradhach’s a th’ aig
na Gaidheil—agus chan ’eil sinne a tha cruinn an so an
diugh ceum air dheireadh sa’ chuis sin. Bha an aon
dhllseachd is dhurachd aig ar n-aithrichean do an
aithrichean-san o chionn linntean; agus dhearbh iad
sin do ’n t-saoghal ann a bhith seasamh ’s a dion na
rioghachd agus na h-impireachd. Tha cuimhne mhaith,
agus lan fhios, aig a chuid mhor agaibh air cliu is euchdan
nan Gaidheal air sgath crvrn Bhreatainn san da chogadh
mhor mu dheireadh. Cha ruig mi leas ainmeachadh ach
aon bhuidheann de na Gaidheil—’se sin, an Leth-cheud
’s a h-Aon.
Ciod is coireach, ma tha, gu bheil sinne, agus gur
Gaidheil a’ mhor chuid againn, ann an so an diiigh ag cumail
cuimhne air togail na Brataich san ar-a-mach ris an canar
Bliadhna Thearlaich, da cheud bliadhna air ais—ar-a-
mach los criin Bhreatainn a thoirt bho shinnsirean ar -
Righ grasmhor ’s ar Banrighinn ghradhach ? Innsidh
mi sin dhuibh.
Tha sinn an so an diugh ag cumail cuimhne air
buadhan is beannachdan araid a nochd na Gaidheil san
latha ud—buadhan is beannachdan nach do dhealaich
riutha fhathast dh’ aindeoin co theireadh e.
(1) An toiseach, nochd Gaidheil Bliadhna Thearlaich
gun robh breithneachadh is mothachadh ceart aca air mar
a bha cuisean. San cheart dol a mach, dh’ innis na Cinn
Chinnidh do Thearlach nach robh rian air gun coisneadh
e na bha ’na bheachd—gun armailt, gun shaighdearan
deanta, agus gun innealan-cogaidh. Cha deanadh gaisge
no treubhantas a mhain a’ chuis. Cha robh Ceann Cinnidh,
no Ceann Tighe, nach do chuir ’na aghaidh, agus deagh
fhios is bhreithneachadh aca ciod a ghabhadh deanamh,
agus an nl nach gabhadh deanamh. Tha sinn an diugh ag
cumail cuimhne air deagh bhreithneachadh nan Gaidheal.
(2) San dara h-aite tha sinn ag cumail cuimhne
air daimh is coibhneas is coiread nan Gaidheal. Nuair
a thubhairt na Cinn Chinnidh ri Prionnsa Tearlach e
thilleadh dhachaidh, fhreagair esan gun robh e air tighinn
dachaidh—gum buineadh e dhaibh-san. Rinn sin a’
chuis. Bas no beatha, sheasadh na Gaidheil an duine
fhein. So an dara ni air a bheil sinn a’ deanamh ath-
chuimhne—agus is fhiach e'ath-chuimhne a chumail air—
daimh is seasmhachd nan Gaidheal ri an daoine fein.
(3) Is e an treas ni air a bheil sinn ag cumail cuimhne
—ged nach ’eil m6r aobhar air an sin, oir cha dl-chuimhnich
daoine e fhad’s a bhios an saoghal ann—’se sin gaisge nan
Gaidheal. Dhearbh iadsan an gaisge ri linn cogadh
Thearlaich, mar a rinn iad sa’ chogadh so a tha nise
criochnaichte le cliu ’s le h-urram, agus sa’ chogadh
mhor mu dheireadh. Is fhiach gaisge is fearalas nan
Gaidheal—mar a tha an Leth-cheud ’s a h-Aon, agus na
miltean eile—cuimhne chumail air. Tha sinn a’ deanamh
sin an so an diugh.
(4) Aon rud eile. Is e sin onair nan Gaidheal ’n an
eiginn ’s ’n an teinn. Nochd is dhearbh iad so agus iad
fo’n choill, agus an laimh, agus am priosan. Nochd
Gaidheil cogadh Thearlaich gu bheil nithean ann nach
gabh ceannach—gu bheil nithean arm nach ceannaichear
le h-6r no stdras shaoghalta—agus gu bheil nithean ann
nach fhaod duine a reic, agus e ag gleidheadh urram agus
onair fein. Nach e sin a thubhairt Mac MhicAilein ris an
Ameriganach shaoibhir a bha smaoineachadh gun
ceannaicheadh e bhuaithe claidheamh a thug am Prionnsa
d’a shinnsir. “ Bheir mi dhuit air,” ars an Ameriganach,
“ deich mile fichead punnd Sasannach (£30,000).”
Fhreagair an Gaidheal: “A dhuine, tha nithean ann
nach gabh ceannach. Gleidhidh mi claidheamh m’
aithrichean.”
Tha sinn an so an diugh, mata, ag cumail cuimhne
air na nithean glormhor so a bhuineas do na Gaidheil.
Agus tha e ’na mhor thoileachas dhomhsa gu bheil iad
air an cur an ceill as ur aims a’ chanain sin a bha aig gach
Ceann Cinnidh agus aig gach Gaidheal eile, a bha cruinn
an so an Gleann Fhionghuin air latha togail Bratach
Prionnsa Tearlach.
Chriochnaich a’ chuirm ainmeil so leis an Ridir Mac-a-
Chombaich iarraidh air a’ mhor shluagh ceud taing a thoirt
do ’n luchd-labhairt, agus do ’n luchd-seinn, agus do gach neach
eile aig an robh lamh anns a’ chruinneachadh ud a thoirt gu
inbhe agus gu crioch cho cliiiiteach. Rinneadn sin le mor
thogradh.
FACAL SAN DOL SEACHAD.
An t-Ollamh Domhnall Seumas MacLeoid,
O.B.E., H.M.C.I.S.
Tha am Fear-ceasnachaidh Sgoilean ainmeil so air a
dhreuchd a leigeil dheth; agus gu dearbh faodaidh e bhith
riaraichte le a shaothair is obair-latha as leth sgoil is foghlum
air a’ Ghaidhealtachd. Co-dhiiibh tha na Gaidheil, agus na
h-uile do an aithne an obair mhor a rinn e los sgoil is
ionnsachadh a bhith suidhichte, ceart, agus adhartach air a’
Ghaidhealtachd, lan riaraichte le a shaothair. Agus is ann an
lanachd is am pailteas foghar a shaothrach a leig an t-Ollamh
coir dheth uallach an latha. Chan ’eil duine eile beo an Alba
an diugh a rinn barrachd air son sgoil is ionnsachadh a bhith
ceart is cothromach, ’nam farsuingeachd is ’nan doimhne—
agus gu sonraichte air a’ Ghaidhealtachd—na MacLeoid.
Agus a chum na criche so chunnaic e bho thus toiseachaidh,
gum feumadh a h-aite dh'gheach fhein a bhith aig a’ Ghaidhlig
anns na sgoiltean; agus rinn e a dhichioll chuin gun tugadh
luchd-riaghlaidh an fhoghluim agus na maighistearan sgoile
an t-aite sin dhi.
Tha fhios aig a h-uile duine gur h-e ard sgoilear
a th’ aim fhein, agus fear-Gaidhlig cho comasach ’s a
thog a’ Ghaidhealtachd riamh. Tha e ’na fhior Ghaidheal
cuideachd, le gaol d’ a dhaoine fhein, agus dileas air an taobh
anns gach doigh. Tha ar caraid ’na bhall-beatha de ’n Chomunn
Ghaidhealach, agus bha e riamh ’na chuideachadh dhuinn ann
a bhith toirt dhuinn seoladh is comhairle a thaobh ciiisean na
Gaidhlige, agus a thaobh teagasg na Gaidhlige sna sgoiltean.
Bha e cuideachd ’na bhritheamh aig iomadach Mod.
Tha an t-Ollamh MacLeoid ’na dhuine caomh agus coir,
agus fo dheagh chliii aig na h-uile do an aithne e—agus chan e
sin am beag. Bha e sin riamh.
Tha An Gaidheal—mar is maith tha fhios aige—ag guidhe
slainte is sineadh laithean dha, tha agus a’ Ghaidhealtachd gu
leir. Gun tl esan.
An t-Urr. Tomas S. Mac-a-Phearsain.—Tha
sinn ag cur meal-an-naidheachd air ar caraid T. S. Mac-a-
Phearsain agus e air bliadhna an lubile aige a ruighinn mar
Mhinistear an t-Soisgeil an Eaglais na h-Alba. Guma fada
mhealas e a naidheachd. Bha Mgr. Mac-a-Phearsain ’na
Mhinistear an Tioradh, agus an Tairbeart Loch Fin, agus ann
an locair, agus an Glaschu mus deachaidh e do Cheann-loch
Chille Chiarain far a bheil e suas ri fichead bliadhna.
Bha ar caraid ’na Mhinistear dileas is dleasdanach
anns gach aite bha sin ; agus ’na dhuine cairdeal, coibhneil.
Tha e ’na shearmonaiche comasach agus taitneach. Is