Skip to main content

‹‹‹ prev (190) Page 182Page 182

(192) next ››› Page 184Page 184

(191) Page 183 -
AN DEO-GREINE.
183
nuar! Nach e a ghabh fada bho ’n ionad as an
do thuit iad f
Ghrad-tlmg e fainear a chompanaich a thuit
maille ris, agus tuiltean is cuairt-ghaoithean de
theintean gailbheach a’ dol tharta; agus ’ga
aoirneagan fein dluth ri laimh an ti a b’ fhaisge
an cumhachd dha, agus a b’ fhaiSge an ciont
dha—fada ’na dheidh sin bu mhaith a b’ aithne
do mhuinntir Phalestin e fo ’n ainm Beelzebub.
Ris-san thbisich an t-Abharsair—b’ ann air
cheann an ainni sin a thugadh “ Satan air air
neamh—le briathran dana a thug clisgeadh air
an trom thosd thiamhaidh, air inntinn a chur
an ceill.
“ Ma’s tusa th’ ann, ’s ann ort a thciinig! Is
mor a ta thu air caochladh bhuaidhe-san a bha
an rioghachdan sona na soillse air a sgeadachadh
le lainnir bharrmhaisich a chuir mi-dhreach air
sluaghan gun aireamh a bha iad fein ro dhealrach
—Ma’s tusa th’ ann a chaidh am bann leam
fein ’san aon rim, ’san aon chomhairle, ’san aon
dbchas, agus leis an aon shuil ris a’ chunnart a
a bh’ anns an oidhirp ghlbrmhoir ud; nis ’nar
n-aon anns an adn truaighe so; feuch an sloe
anns an do thuit sinn bho ’n aon airde! Air
a’ mheud sin dhearbh esan le thairneanach
barrachd a threise. Gus an km ud, co aig a
bha fios air lanachd an neirt a bha’s na h-airm
uamhasaoh ud?”
“Ach cha ’n ann rompa sud, no roimh na
tha an comas a’ bhuadhair chumhachdaich ’na
fheirg a dheanamh orm, a ghabhainn aithreachas
no dh’ atharraichinn rim—ged is fior gu’m bheil
an inntinn sheasmhach agus an uaill uaibhreach
a ta ’g eirigh a mothachadh air toilltinneas ’ga
chur an suarachas, air an atharracliadh a thaobh
coslas soillseach an leth am muigh. B’ iad sin
a thug fodham fein stri a dheanamh ris an ti is
cumhachdaiche, agus a thug air an aghaidh do
’n chomhraig ghairg feachd do-aireamhaichte de
spioradan armaichte anns an robh de mhisneach
a riaghladh fhuathachadh, agus leis am b’ fhearr
mise a leantuinn, ’s an cumhachd fein a chur an
aghaidh a lan chumhachd-san an gleac neo
chinnteach air machraichean neimh, a thug
criothnachadh air a righ-chathair aird.”
“ Ged chailleadh am blar, mo thogair ! Cha
’n eil a h uile ni caillte Cha ’n eil an toil nach
gabh ceannsachadh caillte; cha ’n eil am fuath
neo-bhasmhor caillte: agus a’ mhisneach nach
leig striocadh no geilleadh ’na c6ir, agus nach
aidich air chor air bith ceannas buileaoh, cha ’n
eil ise caillte. A’ ghlbir sin cha ’n fhaod fhearg-
san no a chumhachd-san a spionadh bhuam. An e
gu’n lubainn glim ris-san, ’s gu’n iarrainn maith-
eanas air-san, ’s gu’n ardaichinn e mar dhia—
esan, aig meud eagail roimh threise a’ ghidrdein
so, a bha neo-chirmteach air feadh tamuill a
seasmhachd a fhlaitheis! Bu taireil da-rireadh
sin; bu mhasladh e; b’ aobhar naire a b’ isle na
an leagail so fein e; agus sin gu h-araidh bho
nach eil e ’san dan treise nan dia agus an
susbainn fhiorghlan bhith-bheb a dhol a dhith;
agus bho na dh’ fhaodas sinn leis an fhiosrachadh
air iomairt arm a thug sinn as an dbanadas
mhor ud agus leis na chuireadh ri ar buadhan
roimh-amharcach, cogadh sior gun mhiann air
reite, a chur, le dull na’s deine le neart’s le
ceilg mar aon, an aghaidh an namhaid mhoir a
ta an ceartair a’ deanamh gkirdeaehais, agus,
an anbharr eibhnis, a’ riaghladh ’na aonar le
smachd nan neamhan ’na shealbh.”
Mar sin, gu h-ard ladarna, labhair an t-aingeal
mi-dhileas, dh’ aindeoin a chor chrkitich agus
gu’n robh e air a chlaoidh le ao-dbehas domhain,
dorcha; agus so mar a thug a choimpire dkna
freagradh d’ a bhriathran.
“ A phrionnsa, ’s a threith air cumhachdan
aig am bu lionmhor righ-chathraichean, a threbr-
aich na seraphim uigheamaichte gu blar, agus
gu neo-sgathach, le euchdan fuathasach, a chuir
an cunnart righ siorruidh neimh, agus a chuir
gu dearbhadh ’ard smachd-san; co-dhiubh b’ann
le treise a chaidh a chum ail suas, no le tuiteamas,
no le roimh-brduchadh, cha’n aithne dhbmhsa;
ach is ro-mhaith is leir dhomh agus is mor is
aithreach leam an tachartas an-aoibhinn ud a
chaill neamh oirnn, troimh ’n bhriseadh mhulad-
ach ’s a bhreun ruaig so; agus a dh’ fhag gu
h-losal am feachd an-mhor so fo dhith-mhilleadh
uamhasach—a mheud’s a ghabhas na deathan
agus duilean de’n bhrigh nbamhaidh milleadh;
oir mairidh an inntinn agus an anam do-cheann-
saichte, agus tillidh an spionnadh gu luath ged
bhitheas an glbir uile air dol as agus an cor
sona air a mhuchadh fo thruaighe neo-chrioch-
naich.”
“ Ach, ciod b ma dh’ fhkg am buadhair cumh-
achdach so—is fheudar aideachadh a nis gu’m
bheil e uile-chumhachdach, a chionn cha bu
chomasach do thi na’s lugha na sin a leithid de
fheachd ’s a bha annainne a cheannsachadh—
Ciod b ma dh’ fhbg e ar spiorad’s ar treise iomlan
againn a chum ar n-bmhghar a dh’ fhulang’s a
ghiulan gu cruadalach, gus a’ chrich so: gu’m
foghnamaid d ’a fheirg dhioghaltaich, no gu
seirbhis is mb a dhbanamh dha mar th rail lean
a bhuidhinn e le cbir buaidh anns a’ chath, ce
b’ e air bith an gnothuch a tha aige ’na rim : an
so am buillsgean ifrinn a dh’ obair le teine, no
air feadh na h-aibheis ghruamaich a dhol air
theachdaireachd dha; ciod e an stiith dhuinne
ged mhothaicheamaid fathast ar neart gun
fhannachadh no ar beatha gun traoghadh, ma
’s fheudar peanas gun chrich fhulang an so?”
Ris an so, le spraic, ghrad-fhreagair an t-A rd-
dheamhan:—
“A cheruib thilgte, is mairg do ’n anfhann,