Skip to main content

‹‹‹ prev (189) Page 181Page 181

(191) next ››› Page 183Page 183

(190) Page 182 -
182
AN DEO-GREINE.
ised services; dentistry and school clinics. The
Board suggest improvement in the telegraph
and telephone services of the country, and
doubtless this will be seen to. Much money
is involved in the working out of the whole
scheme. Two main results, however, are evident;
one, greater comfort and better financial prospects
to the doctor, the other, efficient attention to
the medical needs of all classes in the Highlands
and Islands. In other days medical attendance
was not easily secured in many parts, and yet,
generally speaking, the people grew up strong
and healthy. It remains to be seen how the
new regime is to affect the health of the com¬
munity. It can hardly fail to be for the better.
EADAR'THEANGACHADH AIR
CEUD CHUID
“PARADISE LOST.”
Le Calum Mac Phablain, F.Gr.S.C.
Air ceud cheannairc an duine agus air meas
toirmisgte na craoibhe a thug le a shugh marbh-
tach bas anns an t-saoghal agus ar n-uil’ an-
aoiblmeas oirnn, mar ri call Edein—gus am
bjuidhinn Duine na’s mb na sinn fein slainte
dhuinn a ris agus ath-shealbh air an t-suidh-
eaehadh bheannaichte a bh’ aim—seinn thusa,
a cheblair neamhaidh, a ghluais, air mullach
uaigneach Oreb no Shinai, aigne an aodhaire
sin a theagaisg air tus do ’n dream thaghte mar
dh’eirich ’san toiseach na neamhan agus an
talamh 4 Caos; no ma’s tlachdmhoire leat
Beinn Shioin agus Allt Shiloa a shruth air km
am fochair pailliun Dh6, thig as t’ aite, ta mi a’
guidhe ort, agus thoir cbmlinadh do mo dhan a
tha togairt falbh air sgeith fad os cionn A’
Mhonaidh Aonaich an' toir air nithean air nach
d’ thugadh oidhirp riamh an rosg no ’n reim.
Agus, gu sbnruichte thusa, a Spioraid leis an
aille roimh na tha de theampuill ann, an cridhe
glan is ionraic, teagaisg mi, oir is aithne dhuit
—thusa a bh’ann bho thus, agus, le do sgiathan
an-mhora sgaoilte gu farsuing, a shuidh gu cal-
manail a’ gur air uachdar na h-aibheis ana-
cuimsich gus an d’ rinn thu torach i—an ni a
ta dorcha annam soillsich; an ni a ta shios tog
suas agus cuir do thaice ris, a chum is gu ’n teid
agam, gus an uidhe is airde a ghabhas an sean-
chas mor so a thabhairt, air an Fhreasdal shlor-
ruidh a chur an ceill, agus air gnaths an De
mh6ir ’na bheantainn ris an duine, fhirean-
achadh.
Innis air tus—oir cha’n eil neamh a’ cleith
dad bho do shuil, is cha mhb a tha ’n t-aigeann
ifrinneach—Innis air tixs ciod e, a thug air ar
ceud shinnsear, is iad air bhi cho sona, agus cho
fada stigh an coibhneas neimh, an Cruithfhear
fein a threigsinn, agus a thoil a chur an suar-
achas air chearin aon aithne bhi ’gan amalladh.
Righrean na talmhainn, mar bha iad, cuideachd!
Co a dh’ aom gu taobh air tus iad gus a’ cheann¬
airc blireun ud a chur an gniomh 1
C6 ach an nathair ifrinneach! B’esan, le
cheilg air a fadadh le farmad agus dioghaltas,
a mheall mathair a’ chinnidh dhaonnda, agus e
air bhi, air tkilleamh na h-uaill a bh’ ann, air a
thilgeil am mach 4 neamh le fheachd de aing ■
lean ceannairceach uile, agus e ’san am an geall
air e fein a chur, le’n comhnadh-sau, an inmhe
ghlormhoir os cionn a choimpirean, agus an diiil
e fein a dheanamh fa-dheoidh ionann’s an Ti is
airde, na’n cuireadh E ’na aghaidh; agus le suil
mhbrchuisich air rlgh-chathair agus flaitheas
Dhe, a chuir air bonn air neamh cogadh aingidh
agus lastanach—ach gu neo-bhuil. Esan thilg
an t-Uile-chumhachdach an comhair a chinn, ’s
e ’na chaoir lasraich, am mach as an speur
ghormghlan, le sgrios is losgadh oillteil, a sios
gus an aigeann anns nach eil iochdar, an sin a
ghabhail cbmhnuidh an geimhlichean adamaint
’s an teintean peanasach; esan aig an robh
de ladarnas dubhlan cogaidh a thoirt do ’n Uile-
chumhachdach.
Fad naoi laithean agus naoi oidhcheannan
laigh e fein’s a luchd-leanmhuinn ceannsaichte,
gruamach, ’nam breislich ach saor o’n bhas, ’gan
aoirneagan fein ’san t-sloc theinteach. Ach
chaomhain a bhinn gu feirg is mb na sin e; a
chionn, a nis, a ta a bhreithneacbadh an da
chuid air sonas a bhi caillte agus air cradh a
bhi sior, ’ga chlaoidh. Tionndaidhear a ghon-
shuilean mu’n cuairt—na suilean sin a dhearc
air amhghar agus uamhunn ana-cuimseach, air
an coimheasgadh le uaill rag-bheartaich agus
fuath neo chaisgte. Ghrad-thug e fainear, cho
fad’s a theid aire nan aingeal, an suidheachadh
aogaidh, fiadhaich, fasachail a bh’ ann: daing-
neach oillteil ceithir-thimcheall air, ’s i ’na h aon
amhuinn lasraich mhoir; ach fbs bho na lasraich-
ean ud cha d’ thainig solus, ach dorchadas so¬
le! rsinneach a dh’ fhoghainn na ’s fearr gu
seallaidhean brbnach, ionadan muladach agus
dubh-chuiltean tiamhaidh a leigeil ris; ionadan
anns nach fhan sith no fois, anns nach tig dbchas
am feasd—an dbchas sin a thig air am do gach
neach—ach cradh gun chrich a: buadhachadh, ’s
e air a bhrosnachadh le tuil theintich de phronn-
asg sior-losgach, bith-bhuan.
B’ e sin an t-ionad a roimh-ullamhaich ceartas
siorruidh do na ceannaircich ud; an sin ’s an
tur-dhorchadas dh’ brduicheadh dhaibh an gainn-
tir; an sin chaidh an cuid a chur air leth
dhaibh tri uairean na ’s faide bho Dhia agus
bho sholus nbimh na tha teis-meadhon a’
chruinne-che bho a mhul fein. Mo nuar; mo