Skip to main content

‹‹‹ prev (55) Page 39Page 39

(57) next ››› AdvertisementsAdvertisements

(56) Page 40 -
40
AN GAIDHEAL.
An Dudlachd, 1930.
air. Chuireadh Comunn Co-oibreachaidh na
Tuatha air chois bho chionn bhliadhnaichean
airson cuideachadh le clachain na Gaidhealt-
achd ann a bhi cur suas buthan co-phairteach
de gach seorsa, far am biodh biadh is aodach
is gual is siol-cura agus gach bathar eile air
an reic aig prisean cuibheasach. agus dhearbh
na comuinn sin cheana, gur h-ann trompa
agus trompa ’n an aonar, a dh’ fhaodas fiugh-
air a bhi aig a’ chroitear bheag ris na
goireasan sin fhaighinn air an cuir e feum
gach latha aig prisean a fhreagras air a
sporan. Tha gach neach a tha ’n a bhall de
na comuinn sin a’ toirt sgairbh a creagan da
fhein; gach fiach tasdain a cheannaicheas e,
a chionn gur h-ann leis fhein a tha a’ chuid
de’n bhuannachd a reir ’s mar a cheannaich
e, agus nach bu mhath dha a’ bhuannachd
sin a dhol ’n a phocaid fhein seach an sporan
a’ cheannaiche is dbcha aig an robh a airgiod
fhein da fhillte anns a’ bhathar a bha e a reic.
Chan urrainn do’n chroitear bhochd ann an
iomall tir mor no anns na h-Innse-Gall, siol-
cura no mathachadh Gallda no acuinn aitich
chosgail fhaighinn air a choir fhein le
truimead an fharaidh a tha ’n rathad-iaruinn
agus bataichean Mhic a’ Bhriuthainn a’
tagairt ann a bhi tarruing gach bathair a tha
’n sin, ach nam biodh gach croitear anns an
sgir ’n am buill de Chomunn Co-oibreachaidh
cha bhiodh duilgheadas sam bith aca ann a
bhi seasamh an cuid fhein de’n chosguis agus
bhiodh a’ bhuannachd ’n an sporan an ceann
na bliadhna ann am barr trom torrach agus
crodh mor tapaidh a bheireadh a mach pris
a b’ fhiach an t-saothair. A bharrachd air
sin bhiodh na Comuinn Co-oibreachaidh sin
’n am meadhon eifeachdach airson na croit-
eirean eile a cheangal ri a cheile ann an
spiorad gniomhachais agus deagh ruin:
bhiodh an nabuidh treun ’n a chuideachadh
do a choimhearsnach lag-inntinneach, agus
bhiodh fear an storais bhig cho laidir air a
choir fhein ris an neach aig an robh moran
cuinnidh anns an tigh-tasgaidh a chionn gu’m
biodh gach maoin agus earras aca an co-
phairt. Tha Parlamaid na rioghachd a toirt
beagain cuideachaidh do na Comuinn Co-
oibreachaidh so, agus tha oifigear no dha aca
a’ dol troimh ’n Ghaidhealtachd airson
suilean nan croiteirean fhosgladh a chum ’s
gu faic iad a’ bhuannachd a tha ’n spiorad
na co-phairt, ach chan’ eil gu leor idir de na
daoine acfhuinneach sin air chuairt ’n ar
Gaidhealtachd, agus bha mi-fhein gle
thoilichte a leughadh ’s an “Albannach” an
latha roimhe gu’n tug a’ Chomhairle Phar-
lamaideach a shuidh bho chionn ghoirid
airson cnuasachadh mu chor an tuatbanach-
ais, earail do’n luchd-riaghlaidh gu’m bu
choir aireamh nan oifigeirean so a bhi air
a mheudachadh anns a’ Ghaidhealtachd le
barrachd airgid a bhi air a thoirt a sporan
na rioghachd airson Comuinn Co-oibreach-
aidh a bhf air an iomairt le barrachd dealais
anns a’ Ghaidhealtachd agus na h-eileanan.
Thug an rioghachd bho chionn beagan
bhliadhnaichean duals airgid do na tuathan-
aich mhora airson gach acaire fearainn a
chuireadh iad fo choirce agus fo chruith-
neachd, agus nach b’ iomchuidh a nise gu’n
toireadh maoin na rioghachd seachad cuid¬
eachadh do na croiteirean air chumha gu’n
toireadh iad an giollachd a b’ fhearr do’n
bheagan fearainn a tha aca le bhi toirt a
stigh glas-talamh; a’ deanamh cladhain-uisge
far am biodh feum orra; a’ togail challaidean
a chumadh a mach gach ainmhidh a bhiodh
a’ sgrios a’ bharra, agus a’ spealadh sios gach
earrach an raineach agus an conasg a tha
cbmhdach iomadh iomaire a bheireadh deagh
thoradh a mach. Tha muilionan de airgiod
Bhreatuinn ’g a chur a mach an duthchanan
cein airson an talamh a dheanamh torrach
agus shaoilinn gu’n dleasadh na croitearan
Gaidhealach beagan de’n aon seorsa fabhair
a shealltuinn dhoibh—’s iad fhein a sheas gu
curanta riamh air chul na rioghachd an uair
a thigeadh ’am tarruing nan lann.
Chan’ eil ni a chuireadh barrachd airgid
am pocaidean nan croiteirean na sealbh math
chaorach a bhi aca, agus cead ionaltraidh a
bhi aig na coaraich sin am measg nam
monaidhean mora aonaranach a tha ’n diugh
aona chuid fas no fo dhamh na crbice. Phuair
prasgan chroiteirean an sud agus an so
sealbh, air raon mor monaidh de’n t-seorsa
so, agus tha iad gle mhath dheth a nise.
Shaoilinn gur h-e so cuis a dh’ fhaodadh
Bord an Tuathanachais a ghabhail gu cridhe
na bu mhotha na tha iad a’ deanamh, cho
math ri bhi greasad an latha ’s am bi barr¬
achd mdr de chroiteirean air an suidh-
eachadh am fearann a fhreagras iad. Is
ann mall a tha iomairt cuirt Staite an
comhnuidh, a chionn gu bheil iomadh seorsa
oifigear a dh’ fheumas sgrudadh a dheanamh
air iarrtus fear a tha 'g iarraidh fearann a
shocrachadh air, ach tha feum air cabhaig a
nis e chionn gu bheil na ciadan a bha ’g
iarraidh fearainn air Bord an Tuathanachais
air bias a’ chragain a ghabhail de gach dail
a chuireadh orra, agus tha iad a nise air
seoladh thairis an deidh seachd duilean a
thoirt do aon phloc fearainn fhaighinn fo na
speuran fo’n d’ rugadh iad—agus, mo chreach
—’s e rogha agus taghadh nan Gaidheal a