Skip to main content

‹‹‹ prev (54) Page 38Page 38

(56) next ››› Page 40Page 40

(55) Page 39 -
An DMlachd, i930.
AN GAIDHEAL.
39
“Cionnus a dh’ fhaodar Rian-solaraidh na
G&idhealtachd aghartachadh air dhbigh a
bheir am buannachd as motha do shluagh na
G&idhealtachd.”
Le Iain N. MacLeoid.
A’cheud duais, Mod 1930.
(Provost MacEwen’s Prize.)
I.
Is iomadh sgriob a thug pinn shiubhlach
air paipeir ag oidhirpeachadh air cor na
•Gaidhealtachd bhochd againn a chur ceart,
ach an deidh sin ’s na dheidh, cba do
chuireadh fbathast air clan an rian eagnuidh
tuigseach sin a bheir air siorramachdan
tuatha Albann tighinn fo bhlath mar an ros,
air chor agus gu’m bi gach neach ’n a
shuidh© lan shasuichte fo a chrann fig© fein
—agus co a chanas 1© cinnt ciod e an uair no
an linn anns an dealraich an latha glbirmhor
sin oirre—aig Freasdal mor a tha brath.
Biodh sin mar a bhitheas e, ach chan’ eil
neach a chaidh arach ’n ar Gaidhealtachd
nach fhaic gu soilleir gu bheil riantan-
solaraidh luachmhor fo ar laimh a ghabhadh
iomairt 1© dealas airson buannachd a thoirt
do ar sluagh fbein a tha comhnuidh ’n ar
glinn agus ’n ar srathan.
Cha robh latha riamh anns an d’ rinneadh
barrachd bruidhne air toradh an fhearainn
agus a thatar a’ deanamh an diugh.
Chan’ eil na tuathanachais mhora, tuath
no deas, a paigheadh, agus ma leanas cuisean
mar a tha iad, chan fhada gus am bi na
raointean is fhearr ’n ar duthaich fo fheur
agus fo chaoraich. Ma tha sin fior a thaobh
tuathanachais mhora na machrach, ciamar a
phaigheas e do’n chroitear bheag a bhi ’g
aiteach nam feannagan caola ris an robh a
sheanair a strith 1© fallus a ghruadhach. Cha
phaigh am feasda mur a bi beo-shlaint eil©
fo a laimh a bharrachd air barr na croite
big©. Ged tha sin fior, ’s e mo bheachd
fhein gu’ n toireadh a’ chroit bheag toradh
na bu thruime seachad nam biodh giollachd
aitich na b’ fhearr air a dheanamh oirre,
Tha na h-oifigeirean a tha mach bho
Cholaisd© an Tuathanachais a’ deanamh
moran feuma do na croiteirean ann a bhi
fosgladh an suilean a thaobh nan dodghean
aitich is fhearr, na mathaichidhean Gallda
is fhearr a fhreagras air gach seorsa
talmhainn, agus na sil-chura a bheir a mach
an toradh is truime. Sheall muinntir a’
Cholaisd© so dhoibh mar a chumas iad an
cnamh gun tighinn am barr a’ bhun-tata,
agus rinn an t-eolas sin mor-fheum do na
croiteirean. Tha moran dhiubh a tha gu
math duilich ri ’n iompachadh gu doighean
ura thaobh aitich, ach chan fhada gus am
bi an creideamh an ur-nos sam bith gu math
daingeann an uair a chi iad air an son fhein
toradh na h-iomairt. Bu choir gu’m biodh
am barrachd de airgiod na rioghachd a’ dol
a stigh ri Colaisd© an Tuathanachais airson
gu’m biodh aireamh mhor de na h-oifigeirean
gleusda so a’ dol sios agus suas gach latha
deug de’n bhliadhna troimh sgireachdan ar
Gaidhealtachd airson comhairle agus mis-
neach a thoirt do’n chroiteir gu bhi togail a’
bharra is truime as a’ chroit bhig aige.
Tha Colaisde an Tuathanachais a’ cur a
mach troimh ’n Ghaidhealtachd boirionnaich
oga fhoghlumaichte aig a bheil mion-eolas
air eachdraidh agus gnaths chearcan agus
thunnagan agus eoin de’n t-seorsa sin a bhios
an tuath a’ cumail. Cha do ghabh muinntir
na Gaidhealtachd a stigh riamh a’ bhuan-
nachd mhor a dh’ fhaodadh iad a dheanamh
air na h-eoin sin. Thainig ceithir fichead
mile punnd Sasunnach a stigh do na h-
eileanan Arcach an uiridh airson uibhean
a mhain, agus tha a’ mhor-chuid de chear-
naidhean na Gaidhealtachd moran, na’s
goireasaich© ri margadh na tha na h-eilean-
an Tuathach ud. Tha na h-Olaindich dean¬
amh am fortain gach latha air cearcan agus
uibhean a tha tighinn uatha gu margaidhean
mora Lunnainn, agus tha sgoilean Staite
troimh ’n duthaich anns a bheil muinntir air
an oileanachadh anns a’ ghniomhachas so—
gach neach ag arach eoin a reir nan rdaghail-
teani is hire, agus tha a ’ chuis buannachdail
do gach neach a tha an sas ris. Leth-oireach
agus mar a dh’ fhaodas cuid de’n Ghaidh¬
ealtachd a bhi, cha bu chion idir nach
fhaigheadh ceannaichean an latha ’n diugh
doigh sgiobalta air uibhean agus eoin a chur
gu deagh mhargadh na’m biodh aca na b’
fhiach an t-saothair dhoibh a chur air falbh.
Chan’ eil teagamh sam bith agam fhein nach
biodh boirionnaich na Gaidhealtachd comas-
ach air moran airgid a dheanamh gach
bliadhna air uibhean agus eoin na’m biodh
an corr gniomhachais air a chleachdadh
leotha ann a bhi cur gu buil am foghlum saor
mu ghnaths nan cearcan a tha ban-
fhoghlumaichean Colaisde an Tuathanachais
a’ cur fo’n laimh le durachd.
Bheireadh croiteirean agus muinntir na
Gaidhealtachd gu leir adhartas mor air an
cor fhein na’m biodh spiorad a’ cho-
oibreachaidh na bu mhotha ’n am measg.
’S ann an aonadh a tha neart, agus tha sin
fior ge b’e doigh anns an smaoinich neach