Skip to main content

‹‹‹ prev (148) Page 140Page 140

(150) next ››› Page 142Page 142

(149) Page 141 -
An t-Og-mhios, 1940.
AN GAIDHEAL.
141
an t-samhraidh a chaidh, agus bha mi ’sna Rosa
an uiridh. San leabhar so eile Na Rosa go Brdthrh
tha cunntas againn air an t-seorsa cor a bha air
Na Rosa 6 chionn leth cheud bliadhna. Suileagan
mor an t-iomradh. So an t-ait as a bheil moran
de na cosannaich a tha saoithreachadh san
fhoghmhar, agus cuid aca fad na bliadhna, an
Albainn. Is e saoghal cruaidh a tha aca dheth;
agus cha mhor nach ’eil e ’na chuia naire an droch
fhailt a tha iad a’ faotainn gu minic. Is ole a thig
e do Albannaich a linn an cosnadh mor an ceithear
ranna ruadha an Domhainn a bhith doiceall luchd
a’ chosnadh bhig ancothromach san tir so fhein.
Agus chan ann sna leabhraichean a mhain a tha
cliu laghach air oigridh Nan Rosa, fhuaireas a
chomh-maith eile orra 6 chuid de mo chomh-
Eileanaich a bha cuide riubha fo’n chuing.
So aireamh de leabhraichean air son na cloinne
bige Patairln is Palarun, 1/-; Cochaillin Dearg, 6rf /
DdiniMni an Domhain, 1/3; Lios na Sidhe, 6d ;
Fedil agus Ceol, (id; agus, a dh'aon fhacal, is
ion-mholta an t-saothair a chuireadh annta sud
eadar sgeoil is dealbhan. Chan ’eil aon leabhar
idir de’n t-seorsa againne.
Is e Buaidh na Tuigse (2/6), a tha air an leabhar
so a:g Seamus 0. Shearcaigh, M.A., D.Phil.
Leabhar easaidhean no leabhar aistean. Tha coig
thar fichead aca aige, agus chan fhuam gun chiall.
Is e fior-fhoghlumaiche a tha san ughdar. So am
fear a thuirt ris na mic-leighinn aige, “Gheibh
mise urrad de chur-seachad san taibse agus a
gheibh sibhse san ur-sgeul.” Foghnaidh sin.
Oidkche i nGleann na nGealt, an t-ughdar Ciaran
0. Nuallain. Sin sgeul lorgaireachd air a deagh-
innseadh an Gaidhlig reidh. Foghnaidh dhomh
innseadh oirre gu’n do chuir bodaich am baile an
Eirinn an oidhche gheamhraidh seachad agus fear
’ga leughadh dhaibh.
Is iomadh rud a sgriobhainn nam biodh an
cothrom again. Tha a thrl uidhir eile agam
bu mhaith learn a thoirt am follus; ach de
is tairbhe an ainmeachadh lorn tioram? Mur b’e
na leabhraichean Eireannach e bhithinn-sa, mar
fhear, air chaol-chuid de urachas an Gaidhlig, oir
leughadh duine chuile pioc Gaidhlig a tha clodh-
bhuailte an Albainn air son mios fhad agus a
ghabhadh mo sheanair smoc!
Calum Mac Gilleathain.
Conan, 8/4/40.
o
MONTE CARLO.
Roimh-Fhacal.
Bha na notaichean so air an sgriobhadh an
cumadh garbh re turuis le carbad arms an Fhraing,
anns an Ealbhait (Switzerland anns a’ Bheurla)
agus ann an airde tuath na h-Eadailte air an
t*samhradh so chaidh (1939), ach bhac truimead
gnothuich eile an t-ullachadh deireannach gus a nis.
Bithidh cuhnhne aig a h-uile fhear gun robh an
suidheachadh poiliteach feadh na h-Eorpa gle
theann aig an am sin, agus gun robh an Eadailt
cho math agus a’ Ghearmailt ’na namhaid comasach
an aghaidh nan Breatannach agus nan Frangach.
Air a’ chuairt so, rinn sinn tadhal air Monte Carlo
airson, faisg da sheachdain agus bha an t-aite
cho lan a dh’ uidhe agus dh’ urachd dhuinn agus
gu’n smaointich mi gu’n do dh’faod fir eile bhi
uidhichte air mar an ceudua.
An duthaich mu’n cuairt.
An uair a bhitheas fear a’ suibhal laimh ri
corsa na Mara Meadhonaiche d’am an t-ainm la
Cote d’Agur, chi fear tur gu h-obann air a
bheulaibh clar-sanais mor a’ giulan nam faclan
“Uachdaranachd Mhonaco” (Princi pante de-
Monaco). Tha fear ri fagail na Frainge agus ri dol
a steach do staid shaoir Mhonaco. A’ dol direach
air aghaidh bho Nice a dh’ ionnsaigh na h-Eadailte,
theid fear seachad air na tri bailtean a’ buntainn
do’n staid Monaco Ville, La Condamine, Monte
Carlo, anns an ordugh so. Trebraichidh an rathad
priomh direach troimh La Condamine, pairt-
ghnothuich na staid, a bhitheas ’na laighe timchioll
a’ chamais, far am bi r’ am faicinn a’ snamh mar
thunnagan air aodanu an uisge bataichean
gach seorsa, bataichean-ramh, bataichean-smuide,
bataichean olaidh, iachtaichean snasail, a.f.e. Air
da chnoc, mar air da adharc, ag amharc r’a cheile
thar a’ chamais, seasaidh an da bhaile Monaco Villa
agus Monte Carlo. Tha na cleachdaidhean anns an
uacharanachd gle choltach ris na cleachdaidhean
aims an Fhraing fhein. Ann am meadhon La
Condamine tha an stannsa-margaidh, le buithean
fosgailte fiodha mu’n cuairt air gach taobh, far
am bi na mnathan nasal agus iosal, beartach agus
bochd a’ cumhnantachadh agus a’ connsachadh gu
pearsanta air prisean nan lus agus a’ mheasa oir
chan i fior bhana-fhrangach a bhitheas ’na suidhe
aig an tigh agus a chleachdas am foil chum am
biadh airson a’ bhuird a cheanuachadh. An deidh
na h-uachdaranachd, ruith an rathad air aghaidh
a steach do’n Fhraing a rithis aiison beagau
mhiltean gu Mentone agus air dol as a bhaile
bhbidheach sin, tionndaidh e air ball trid gobhail
cheirt, an uair a bhitheas an drochaid r’a faicinn
tur gu h-obann ceathramh mile air falbh thairis air
am bheil an Eadailt. A cheart ai{| a’ ghobhal so
tha statu mor g’ ar ban-righinn, Fiogtoiria
(Bhictoria ann an leabhar na h-urnuigh coitchioun
anns a’ Ghaidhlig) dealrach geal, ag amharc fada
a mach thar uisgeachan boillsgeaeh liath-ghorm na
Mara Meadhonaiche. Deich mionaidean an deidh
so, direach thar na drochaid-criche anns an Eadailt,
chuir Mussolini suas an Sanaa gruamach so los ha
Breatannaich a shoillseachadh
Attention to Posters of Particular Military
Yetos; Law Punishes Transgressors.
Theid uachdaranachd Mhonaco a ghearradh as an
Fhraing mar leth-chearcall, deich mile air croislin.
Diridh an talamh gu cas mu’n cuairt bho’n chamas,
litearas air thearas tighean alainn, dearsach, dathail,
a dh’ ionnsaigh mullaich nam monaidhean, arda,
troma le gunnachan agus le daingnich concraide.
Tha na leitrichean so comhdaichte air gach taobh
le blathan agus le craobhan torrach a’ giulan
leamonan, orainsean, fhigean, apracotan, fhiondh-
earcan, phlumbas agus mheasan eile, agus da
rireadh is iongantach na failidh mhilise timchioll.
Is ann ris na Breatannaich a bha na saighdearan
Frangach feadh nam monaidhean air culaibh
Mhonaco anabarrach cairdeil, daonnan deas gu
cracaireachd a dheanamh thar cupain anns na
tighean-osda simplidh agus garbha a’ neadachadh
am measg nam beann. Bha e comasach air
seachranachadh mu’n cuairt mar a thogradh fear gun
ghrabadh mur an robh an sanas “Rathad Armail-
teach” (Itcmte Militaire) thar beul an rathaid. Is
fasda saoiltinn cuideachd gu’n roinn na saighdearan
iangach an aran agus am fion a ghnath leis na
saighdearan Eadailteach mar chompanaich fada suas
air barran nam beann-criche ged a bha na
dutchannan aca naimhdeil r’a cheile aig an am sin,