Skip to main content

‹‹‹ prev (123) Page 115Page 115

(125) next ››› Page 117Page 117

(124) Page 116 -
116
AN GAIDHEAL. An Ceitein, 1940.
drasda ’nan teanntachd agus ’nan eiginn;
agus tha sinn lan chinnteach gun seas iad an
tulach an aghaidh a’ Grheaimailtich gu buaidh
no gu bas. * * *
’Se Gaidbeala tha ’sa’ Phriomh Mhinisteir
iir a tha aca an Niu Sealan an drasda—Padraig
Priseal, a rugadh ’sa thogadh am Manachainn
Rois. Chaidh e ’na ghille 6g gu ruige Lunnainn
agus thug e mach an t-saoirsinneachd an sin;
ach ochd bliadhna fichead air ais sheol e do
Niu Sealan agus fhuair e cosnadh an toiseach
ag obair aig a cheadha an Auckland agus an
deidh sin ann a’ Wellington. An ceann da
bhliadhna bha e ’na Cheann-suidhe air Bann
Coitcheann Luchd-oibre Auckland agus cha
b’ fhada an deidh sin gus an robh e ’na Fhear-
deasachaidh air a’ phaipeir-naidheachd New
Zealand Worker-, agus ’sa’ bhliadhna 1920
rinneadh e ’na Cheann-suidhe air Buidheann
Luchd-oibre Niu Sealan.
Nuair a thoisich an cogadh chuireadh air
sgriob do Lunnainn e marfhear-ionaidriaghaltas
Niu Sealan, a leigeil fhaicinn cho seasmhach
’sa tha Niu Sealan ri gualainn Bhreatainn ann
a bhi toirt buaidh air a’ Ghearmailteach. Cha
robh cearn a tha comh-cheangailte ri obair a’
chogaidh anns nach do thadhail e, agus chunnaic
e an t-arm anns na claisean-cogaidh ’nan uile
ghleus, agus an neibhi agus feachd-an-adhair
an sas ’nan gniomh fhein. Tha e air a radh
gun tug eud agus fhearalas agus a dhilseachd
fosgladh sula do dhaoine socharach na
Talla Gile an Lunnainn. Chuir so ionghnadh
air cuid ach cha do chuir e ionghnadh sam bith
oirnne; an do nochd e ach spiorad a' Ghaidheil
anns gach aite agus aims gach linn. Gu dearbh
cha b’e comain nan Gaidheal e nach fhaigheadh
iad cothrom na Feinne ri linn na slthe—iad
fhein agus an canain agus an crannchur.
Thadhail am Frisealach air a chairdeau
agus air a sheann eolas ’sa’ Mhanachainn,
agus nuair a sheol e air ais a Glaschu thug e
leis, comhla ri rudan muirneach eile, breacan
guailne de thartan nam Frisealach, agus
Eachdraidh Ghlaschu ann an tri leabhraichean.
B’e na leabhraichean tiodhlac a fhuair e mar
dheagh-ghean is mar chuimhneachan bho
sheanairean-riaghlaidh baile mor Ghlaschu.
Thug e na b’ fhearr na sin leis, thug e
gean-maith agus beannachd luchd-riaghlaidh
Bhreatainn, agus urram is deagh speis nan
Gaidheal uile.
Nuair a chaidh e air tir an Niu Sealan, so a
cheud rud a thubhairt e ri cho-luchd-duthcha
an sin : Tha Breatann an drasda aig airde
spioradail is mhodhannail na’s motha na bha
cinneach eile riamh roimhe; agus is coir
do mhuinntir Niu Sealan a bhi an guailnean a
cheile chum a h-uile comhnadh a ghabhas
deanamh a dheanamh leis an t-seann duthaich
ann a bhi toirt saorsa is ceartas a rithist do’n
t-saoghal. Agus bithidh iad ann an sin.
Agus a nis nuair a chaochail Mgr. Savage
Priomh Mhinistear a’ chruin o chionn ghoirid
chaidh esan a ghairm gu bhi ’na Phriomh
Mhinisteir ’na aite. Soirbheachadh maith
leis, agus gum biodh piseach is beannachd Dia
athraichean a laighe air fhein agus air a
shaothair. * * *
Tha Tigh - neonachais no Museum
Gaidhealach ann an Gearasdan Inbhir-
lochaidh, agus gu dearbh tha iad-san a
chuir air bonn e agus a tha ’ga chumail
suas ri am moladh. Thatar air moran de
sheann nithean Gaidhealach a thional ann;
agus nithean a bha ann an dluth cheangal
ri eachdraidh na Gaidhealtachd. Chithear
ann an so seann innealan agus bheartan
a bha ar n-athraichean ag cleachdadh, mar
a tha beartan aiteachais agus calanais, earnais
nan seann thighean Gaidhealach eadhon
an earnais a bh’aca ri linn nan tighean-slathaid
agus nan tighean-duhha, agus na seann dathan
Gaidhealach ; seana dheilbh aitean is bhailtean,
agus ceud rud eile a tha nis nednach dhuinne.
Gu dearbh cha bheag an t-edlas a gheibh
duine ’na leithid so dh’ aite. Tha cuimhne
agam feasgar fliuch a thachair dhomh a bhi
’sa’ Ghearasdan a chur seachad ’sa’ Mhuseum,
agus is iomadh rud a chunna mi ann nach
fhaca mi riamh roimhe le mo dha shuil ged is
minic a chuala mi ’na seann daoine a bruidhinn
orra. Cha d’ fhairich mi am feasgar a’ dol
seachad. Tha cuimhne agam air aon rud
araid a chunna mi ann, agus a chuir ionghnadh
gu ledr orm, is e sin dealbh diomhair Prionnsa
Tearlach. Bha rothlair de stailinn ghlan air
a cheann air bord, agus mar gum biodh steall
peint ’na leth chearcall air a bheulaibh. Chan
’eil duine bed a shaoileadh gur e dealbh duine
a th’ ann. Bha sgriobhadh air a’ cheis anns an
robh e, ag innse gur e dealbh diomhair Prionnsa
Tearlach a bh’ ann, ach chan fhaicinn-sa
dealbh no samhla deilbh ann gus an tainig
fear-gleidhidh a’ mhuseum far an robh mi, agus
an dubhairt e : “Am bheil sibh ag gabhail
ionghnaidh ri dealbh a’ Phrionnsa? ” “ Tha gu
dearbh,” arsa mise, “ chan ’eil dealbh no
dealbh ri fhaicinn an so.” “ Seasaibh mu
leithid so dh’ astar bhuaithe,” arsa esan. Rinn
mi sin, agus chitheadh tu an uair sin dealbh a’
Phrionnsa ’na fhaileas ’san rothlair stailinn
cho soilleir agus cho eireachdail agus a chunna
tu riamh, agus e ’na lan dheise Ghaidhealaich
direach mar na deilbh iomraiteach aige a chi
thu ann an leabhraichean air Bliadhna
Thearlaich.