Skip to main content

‹‹‹ prev (122) Page 114Page 114

(124) next ››› Page 116Page 116

(123) Page 115 -
An Ceiteiri, 1940.
AN GAIDHEAL.
115
ar soithichean-soluis nuair nach robh meadhon
dion aca orra fhein, agus le bhi losgadh air ar
tighean-soluis—gniomharran cho sgreiticb ’sa
chualas a riamh an eachdraidb dhaoine. Chan
’eil reachd no riaghailt a bha riamh am measg
dhaoine cneasda nach do bhris iad. Chan ’eil
duine bed a chreideadh gun deanadh sluagh
air thalamh gniomharran cho bruideil agus
obair cho aingidh riutha, mura b’e gum faca
iad e, agus gun dh’ fhairich iad e bho na
Gearmailtich.
Ma bha aon duine ’san rioghachd-sa a bha
smaoineachadh gu robh nl ceart no cneasd an
giulan nan Gearmailteach tha suileagan aca
a nis. Agus ged tha fuath is gamhlas aca do
rioghachdan eile ’se Breatann agus Breatann
gu seachd sonraichte bu mhiann led a smaladh
agus traillean a dheanamh dhinne. Tha fuath
is gamhlas an deamhain aca dhuinn seach
gu bheil impireachd Bhreatainn a’ seasamh a’
cheartais is na firinn dhuinn fhein agus do
mhuinntir eile.
Fhuair an neibhi aca pronnadh nach teid as
an cuimhne fhad’s is bed iad bho na luingeas
chogaidh againne air cdrsaichean Lochlainn,
agus tha am barrachd a’ feitheamh orra.
Phuair Hitler a mach a nis gur ann a tha
Denmarc is Lochlann mar chnaimh a
dh’ fheuch e ri a shlugadh, agus a chaidh
tarsuinn ’san amhaich aige, agus nach urrainn
dha a shlugadh no a chur a mach. Chan ’eil
mi ag radh idir nach e a thachdas e fo dheireadh.
* * *
Tha gnothaichean mora agus gnothaichean
cruaidh a’ dol air adhart air muir agus anns an
adhar an drasda, agus chan ’eil balaich an
neibhi agus ar maraichean eile agus feachd
an adhair uair sam bith fada bho chunnart
agus bho ghabhadh. Ach dhearbh iad uile
do ar n-eascaraid gur ion dha eagal a bheatha
a bhi air, air muir agus anns an adhar. Fhuair
e a’ chuid as miosa dheth cha mhdr anns a
h-uile cath is cdmhraig anns an robh iad fhathast
agus gheibh e am barrachd pronnaidh gus an
strlochd e do cheartas agus do shaorsa.
Bu mhaith leinn teachdaireachd a chur
dh’ ionnsaigh ar seoladairean mara is adhair,
a dh’ innseadh dhaibh gu bheil iad daonnan air
inntinn agus air aire an cairdean aig an tigh,
agus gu bheilear gan cuimhneachadh anns an
kite as fhearr—aig cathair grais. Agus
leasaichidh Dia an uireasbhuidhean uile a reir
a shaoibhris ann an gloir tre losa Criosd ar
Tighearna. * * *
Fhuair mi litir an la-roimhe bho mo charaid
dlleas agus an Gaidheal eudmhor sin Alasdair
Mor MacEacharn a camp phrlosanach ’sa’
Fhraing. A’ cheud suil a thug mi air an litir
is ann a ghabh mi eagal gur ann a bha ar caraid
an laimh e-fhein ; ach ’s ann a tha e, tha
mi smaoineachadh agus priosanaich Ghear-
mailteach an urra ris. Ma’s ann mar so a tha,
gu dearbh b’e an call dhaibh-san nach robh
Gaidhlig aca, nan robh bhitheadh iad-fhein
agus Alasdair Mor cairdeal gu ledr.
Bha duil aige nuair a chaidh e do’n Fhraing
an toiseach gun cailleadh e a’ Ghaidhlig agus
gun duine timchioll air ris am bruidhneadh e i;
ach o chionn ghreis a nis tha e ag radh gu bheil
Gaidheil gu ledr cdmhla ris—Sgitheanaich is
Uibhistich—agus tha e air tl coisir-chiuil
Ghaidhlig a chur air chois far am bheil iad.
Thachair e, tha e ag radh ri Calum Iain, mac
“Alasdair Mhoir” eile, agus e ’na sheansair air
a’ Ghaidhlig an sud. Gun ti iadsan agus na
balaich Ghaidhealach eile tha ’sna claisean-
cogaidh ’sa’ Fhraing cdmhla riutha, agus anns
gach aite eile ’sam bheil iad ri aghaidh
bualaidh.
Is cinnteach gum hi barrachd suim aig cuid
de na Gaidheil do an canain fhein, agus mar a
tha iad ag cluinntinn sluaigh eile ag cleachdadh
an canain-san air an Radio. Chan ’eil canain
’san Roinn Edrpa nach ’eil a nis air a bruidhinn
an taic an teine againn air an Radio. Cluinnidh
sinn Frangais agus cainnt Lochlainn agus
Dhenmarc agus na Suaine; agus canain gach
duthaich eile air an ddigh cheudna ma bhios
iarraidh againn air. Chi na Gaidheil mar sin
gu bheil a chanain fein aig gach cinneach is
pobull, agus uaill aca aisde cuideachd.
Tha fhios gur e cho aineolach ’sa bha sinne
air sluaigh is canainean eile bu choireach nach
robh am barrachd suim againn do ar canain
fhein. Bha cuid a Ghaidheil ’nan aineolas a’
smaoineachadh nach robh canain uasal ann ach
a’ Bheurla, seach gu robh i annasach dhaibh.
Ach ma’s annas e, chi iad a nis gu bheil na
ficheadan canain eile pailt cho uasal, agus gu
bheil a’ Ghaidhlig, canain bhlath is bhlasd
an cinneach agus an daoine fhein cho uasal
ri aon aca! ’Se tha fior, agus a tha sinn a’
faicinn agus ag cluinntinn a nis, gu bheil
uaisleachd gach canain is cainnt fa leth a reir nan
daoine a tha ag cleachdadh na canain sin.
Tha cuimhne agaibh gu bheil buidheann
ann an Lochlainn a dh’ ionnsaich a’ Ghaidhlig
—buidheann ard sgoilearan—agus gu robh iad
a bhos an so air a’ dha no thri shamhraidh ag
cur am barrachd edlais air gnathasan-cainnt na
Gaidhlige ; agus gun chuir iad a mach dha
no thri leabhraichean air a’ chuspair sin.
Tha comh-fhulangas againn riutha an