Skip to main content

‹‹‹ prev (105) Earrann 7, An Giblein, 1940Earrann 7, An Giblein, 1940

(107) next ››› Page 99Page 99

(106) Page 98 -
98
AN GAIDHEAL.
Am Mart, 1940.
chan urrainn, uibhir a bhiadh agus de
ghnothaichean eile a bhi ’gar ruighinn a
tirean cein; agus gu neo-ar-thaing dhuinn
feumaidh sinn suil a thoirt air aiteachas,
agus biadh a thogail as an talamh againn
fhein.
Tha mar sin an riaghaltas a nis a’ toirt
duais do thuathanaich, agus do bhailtean air
an duthaich, an cois a h-uile da acair fhearainn
a bha ban agus a tha air an ur threabhadh an
drasda.
Ach is e an duais as fhearr a bhios aig
na G-aidheil na thogas iad de bharr air
son am maith fhein. Cumaidh sin iad air
neo-ar-thaing a’ Ghearmailtich agus gun a
bhi an eiseamail mine baine na butha, agus
sabhalaidh e am pdcaid ann an iomadh doigh.
* * *
Tha da ni a tha feumail anns a’ chuis so, ’se
sin an talamh a bhi air a dheagh ullachadh—
air a dheagh threabhadh agus a dhiol de thobhar
a thoirt dha; mar a thuirt an seanfhacal:
Diman maith innearach mathair na ciste-mine.
Agus is e an dara nl feumail, siol maith a chur
’san talamh; an duirt an seanfhacal eile:
Am fear as fhearr a chuireas is e as fhearr a
bhuaineas.
Ach is ann tha chuis ann, an siol fhaotainn
far am bheil e gann. Bu choir do na Gaidheil
comhnadh sil de gach seorsa fhaotainn bho
Bhord an Thearainn ; agus bu choir dhaibh
cur mu dheidhinn so an deagh am.
Chan ’eil por a’ dol ’san talamh as fheumaile
na am buntata, agus ge b’e siol eile a chuireas
sinn bu choir dhuinn am pailteas buntata a
chur; ach tha siol coirce agus siol eorna ro
fheumail cuideachd ma chuirear na muilnean
air doigh, agus carson nach cuir. Agus aig am
mar so bu choir do na Gaidheil pailteas call
a chur—cal de gach seorsa, cal geamhraidh cho
maith ri cal foghair—sneapaichean, feadhainn
thrath is fhadalach, currain, biota, agus lusan
ithe eile de gach gne. Gheibhear siol-cura na
lusan so uile gu maith saor, air a dha no thri
sgillinnean, agus faodar an cur an lies no an
iodhlainn far nach fhaigh an spreigh thuca.
Fasaidh na currain mar am buntata ann an
talamh gainmhich.
Cha robh na Gaidheil a riamh a’ togail na
dh’ fhaodadh iad de luibhean ithe mar a tha
currain is uinneanan is biota is eadhon
neapaichean, ach ma bhios iad glice cuiridh iad
am pailteas dhiubh uile am bliadhna.
* * *
Bha iomadach iomair agus feannag ban air
a’ Ghaidhealtachd bho chionn bhliadhnachan,
ach is e an leisg no an amaideachd a bheir air
duine sam bith mir fearainn, eadhon an fheannag
as lugha, fhagail gun threabhadh no gun
ruamhar air a’ bhliadhna so. Fagaidh sin na
Gaidheil, mar a thubhairt mi, air neo-ar-
thaing a’ Ghearmailtich agus saoraidh e an
sporan iomadach uair bho bhi cur a mach na
sgillinn air son nithean dh’ fhaodas fas riutha
fhein ; agus sin, biadh moran na’s fhearr agus
na’s fhallainne na cheannaicheas iad ’sna
buitean.
^
FACAL ’SAN DOL SEACHAD.
Tha an t-slth air a h-eigheach eadar na
Flnnich agus na Buiseanaich—an seorsa sith
a th’ ann. Bha fhios aig an t-saoghal nach
b’ urrainn na Flnnich seasamh ro fhada gun
chobhair bho rioghachdan eile ri neart is
lionmhorachd na Ruise, agus ged fhuair
iad cuideachadh le gnothaichean aiim bho
Bhreatann agus bho an Fhraing cha robh e ’nan
comas saighdearan a chur thuca agus an t-Suain
an aghaidh cead a thoirt dhaibh luchd-airm a
chur troimh an tir aca-san. Cha do nochd an
t-Suain agus Lochlann iad fhein gle dhuineil
no idir ’nan deagh choimhearsnaich ’sa’ chuis;
ach is ionghantach mura paigh iad-san air a
sin fhathast.
Co-dhiubh stad an t-sabaid agus bha
cumhachan air an seulachadh eatorra air 13 la
na Mairt. Ach tha staoig mhaith de Fhinlan
gu bhi aig an Ruiseanach dha-fhein, direach
cleas fear roinn na maraig: tha an ceann-
reamhar aige fhein. Chaidh neart thar cheart
car greiseig, ach thig an latha anns an tog
ceartas a cheann as ur agus anns am bidh an
neart fuadain so fo a riaghladh. A reir an
iomraidh a fhuair sinne tha mar a thachair
’na bhriseadh-cridhe do na Finnich, ach ciod
a dheanadh iad agus na Ruiseanaich cho
lionmhor ris a mheanbh-chuileig agus a cheart
cho nimheil agus cho an-iochdmhor ’nan gne. Tha
mar a thachair ’na aoibhneas do’n Ghearmailt
cho maith ris an Ruis, agus an t-aon nadur—
nadur na h-aingidheachd—unnta le cheile,
agus cairdeas fuadain an uile eatorra. Ach
rinn Finlan seasamh cho cruaidh agus cho
gaisgeil ’sa rinn aon rioghachd a riamh roimhe
air son a saorsa; agus chan ’eil i buileach fo
na casan fhathast, is i nach ’eil. Ri uine
togaidh i a ceann le uaill is aoibhneas, agus
Freasdal a tha seasamh na saorsa is a’ cheartais
air a taobh.
* # *
Tha an cogadh air thighinn a nis chun nan
dorsan thugainn air a’ Ghaidhealtachd ann an