Skip to main content

‹‹‹ prev (34) Page 26Page 26

(36) next ››› Page 28Page 28

(35) Page 27 -
An t-Samhuin, 1939.
AN GAIDHEAL.
27
cainnt athraichean. Tha e a nis ag cosnadh
dhuaisean aig a’ Mhod o chionn ceithir bliadhna
ann an raon a litreachais, gu dearbb is e a choisinn
Bann Oir an Litreachais ceithir bliadhna air ais ;
agus air an da bhliadhna fo dheireadh is e a
fhuair an dara duais am measg nam bard, an
ath cheum do fhear-a-chruin; agus a nis
choisinn e an crim fhein.
So agaibh, ma tha, an t-dran leis an do
choisinn e urram nam bard, agus chi sibh fhein
gur flor bhard lomhar agus gu bheil anail
bhlath na bardachd ann am “ Moladh Mairi.”
MOLADH MAIRI.
Oran Gaoil.
Ged gheibhinn, a ghraidh,
Eich shrannach le sriantan oir,
No luingeas air sail
Ri m’ aill a ghiulan dhomh stor,
B’ e m’ ulaidh-s’ an run
A’d shuilean gu soilleir a’ snamh,
A dhuisgeas as ur
An ionndrainn chuir m’ anam an sas.
Cuir crloch air do chebl,
A smeorach air bharra nan geug,
Gun mhuthadh gun gho
Ni bran ’san ur-mhaduinn Cheit;
Gu dlomhain do ghleus,
’S mi ’g eisdeachd gun duine ’nar coir
Ri leadannan reidh
A dh’ eireas o m’ ailleagan 6g.
Cha teid mi le surd
Gu luadhadh gu faidhir no feill,
Cha tog mi mo shfiil
Gu sugradh aig amhghar mo chleibh ;
Cha chluinnear learn seist
Na h-uiseig ag eirigh ’sna neoil,
No clarsach nan teud,
’Ga gleusadh le farum gu cebl.
Chan iarr mi leat lion,
No sloda a h-Eirinn gun ghb,
Chan iarr mi spreidh mhln,
No plosan no slabhraidhean bir ;
Gum b’ fhearr learn le d’ dhebin
Do phbgan’s tu tighinn fo m’ uidh,
Is cadal gu fbill,
Gun Ibchran ach dealradh do shul.
Gun toir mi do m’ ghaol
Tigh-aoil air a’ mhin-achadh reidh,
Crodh-bainne ’san fhraoch
Is gobhar air gharbhlaich an t-sleibh’;
Cha bhi sinn gun sebl
Air brain is rogha gach ciuil,
’S le bualadh nam brbg
Air urlar theid dbruinn air chul.
An eilid ’san fhrlth,
An lagan as dlomhair’ an fhraoich,
Ni cadal gun dith
’S an damh donn ’na shineadh r’ a taobh;
Cha leir di a’ bheinn
Air h-eideadh le strbicean nan sion,
No gllbheid nan speur,
Is fheudar dhi fhulang gun dlon.
A’d leabaidh-chlbimh aird,
A Mhairi, ’s mi slnte ri d’ thaobh,
Is ciuin bhios do thamh-s’,
Gun amhghar gun aisling neo-chaoin ;
Ni crbnan nan allt
Do thaladh’s glan-fhaileadh a’ chuain
Aig glasadh an la
Do dhusgadh o shamhchair na suain’.
Mo chruit thu’s mo chlar,
Mo dhbigh air ceol-gaire is muirn,
Mo luireach’s mo lann,
Mo chlaidheamh tri-chlaiseach nach diult;
Mo ramh thu’s mo stiuir,
Reul-iuil an dubhlachd mo chrldh,
Crann giubhais nach lub,
’S bheir dubhlan nach fkilnich ’san stri.
Ceil ailleachd do shul,
Tha dusgadh caoir-theine mo chleibh’,
Ceil dealradh do ghnuis’,
Tha muchadh naoi gathan na grein’;
Ge mln-gheal do lamh,
Do dha shuil ge farasda caoin,
Na’s craidhtich’ do ghradh
Na stailinn chruaidh sgaiteach nan laoch
’S tu ’n ubhall chaoin ur,
A lubas ’san fhoghar chun lair,
’S tu rogha nam flur,
Gu mochthrath ni dusgadh ’sa mhaigh ;
’S gun caith mi do ghradh
Mar fhluran neo-bhasmhor nach crlon
An aine an la,
No eadhon fo chlamhuinn nan slon.
$
LITIR COMUNN NA H-OIGRIDH.
A’ Ghairm a Thainig.
Thainig a’ ghairm-gairm air Comunn na
h-Oigridh, iad a dheanamh an uile dhlchioll
anns a’ chogadh sgriosail so : agus, ma thainig,
tha fhios nach diult iad.
Bha cuid a’ saoilsinn gun cuireadh an cogadh
an tonn buileach air gniomhachas Comunn na
h-Oigridh gu leir. Ach is fada bhuainn e. Cho
fad ’s is urrainn do Chomhairle Clann an
Phraoich an rathad fhaicinn aig an am, tha am
beachd so cebrr gu leir. Tha e flor gu bheil an
suidheachadh ’sam bheil an duthaich a nis ag
cur iomadh cnapstarra an rathad ar Comuinn