Skip to main content

‹‹‹ prev (362)

(364) next ›››

(363)
BHO M LEABHAE-LATHA. 321
gu 'm bheil neacli sam bith a tighinn an rathad so. B'
fhèudar dhuinn dol air ais do 'n charbad 'an so agus bha
fear dhe na h-eich a bha diuhadh dol air adhart ;
thugadh gu socair e agus fhuair sinn air adhart gu gasda
an dèigh sin, agus sinn ro-thoiKchte le 'r sgrìob. Fhuair
sinn sealladh taitneach a rithist 'n ar tilleadh dhe 'n
bheinn bhreagha; agus bha sinn ro-thoihchte le 'r turas.
Bha aon fhras uisge againn ach cha b' fhada a sheas i,
fhuair sinn eich ùra a rithist aig Ceann-Loch-Iù agus
ràinig sinn ar dachaidh bheag laghach aig beagan roimh
sheachd uairean, agus rinn Beatrais 'us mise toileachadh
ri 'r tca fhaotuinn. Fhuair sinn ar cUnneir àbhaistich
na b' fhaide air adhart 's an fheasgar ; chluich Beatrais
am piano air son greis, agus beagan an deigh sin chluich
sinn le cheile e.
Didònuich, an siathamh latha dcurj de
mhìos mcadhoin an Fhoghair.
Tha maduinn bhreagha shoilleir ann ach gu 'm bheil
beagan ceathaich air eudan Beinn SHoch 'us tric leatha
neul a bhi mu' ceann, Thàinig fras thròm agus gun
dùil sam bith againn rithe. Ghabh sinn sràid a mach
aig leth-uair an dèigh aon-uair-deug agus an dèigh dol
air adhart mu thrl cheud slat thionndaidh sinn gu
frith-rathad a bha ruith ris an làimh dheis far rathad
Cheann - Loch-Iù, ghabh sinn air adhart fodh sgàile
chraobhan daraich 'us caorainn agus troimh fheur
fìiuch agus rainneach gu àite 's an robh dà bhothan
iosal bhochd coltas. Thug sinn sùil a stigh do fhear
diubh agus thàinig boireannach gian tòiseil a mach as
X

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence