Skip to main content

‹‹‹ prev (363)

(365) next ›››

(364)
322 TUILLEADH DHUILLEAG
acli 's gànn a thuigeadh na' bhruidhneadh i focal Beurla.
Thug sinn sùil an deigh sin a stigh do 'u f hear eile ;
's ann a tha a leabuidh aig Baldry againue ; bha eabar gu
ruig dlùth air an dorus agus bha e iosal muchta ach bha
e 'n òrdugh gle ghrinn. Bha coltas snasail poncail air
bean-an-tighe, cha robh a bheag sam bith de Bheurla
aice-sa nis motha. 'S e MacEath a tha 's an duine
aice agus thuirt i gur e Sliaruch as ainni do 'n àite.
Dh' innis am Brùuach dhi gur i' Bhan-rìgh agus a
h-ighean a bha 'n sid agus thug sinn beagan airgid dhi.
ThiU sinn air ais air an rathad cheudna agus an dèigh
sràid mhath a ghabhail air adhart an rathad eile thill
sinn a dh' ionnsuidh an tighe aig fichead mionaid roimh
aon uair. Leugh sinn na h-ùrnuighean agus mar sin
sios. Cha 'n 'eil eaglais nis dlùithe air a so na Ceann-
Loch-Iù agus Geàrrloch, agus bha 'n sluagh a dol
seachad air a so air an rathad gu Geàrrloch cho tràth
ri leth-uair an deigh seachd agus iad da 'n cois. Dh'
fhalbh Beatrais, a' Bhan-diùc agus mise aig leth-uair an
dèigh ceithir a dhol gu Eilean Maruidhe chaidh ceithir-
ramhach leinn agus bha i air a stiùradh le Hormsby
fear an tighe-òsda duine laghach sàmhach gu math
ògail coltach. Cha 'n fhaicear an t-Eilean so bho 'n
tigh oir tha e air fholach leis na h-eileauan is niotha.
Is e so eilean is lugha dhiùbh ged a tha na Leabh-
raichean Treòrachaidh ag ràdh nach e. Tha e gle thait-
neach a bhi 'am bàta a mach air an loch chiùin ghorm,
air feadh nan eileanan uaine coilltich, agus gun ni ri
chhiinntinn ach diosgan nan ràmh — na monaidhean
ùinidli dearg 'us gnrm ri fhaicinn air aon taobh, agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence