Skip to main content

‹‹‹ prev (361)

(363) next ›››

(362)
320 TUILLEADH PHUILLEAG
faireaclidan mar gu 'm biodhmid an dèigh ceann an
t-shaoghail a ruigheachd. Bha tigh-sgoil an sin na
sheasamh leis fhèin gun tigh na chòir. Cha 'n 'eil ach
goirid bho na chaidh a thogail. 'S ann le duin'-uasal ga
'n ainm Darach a tha 'n òighreachd so, agus chaidh dà
mhac òg leis seachad oirnn dà uair 's iad a marcachd 'us
gille leòtha. Chaidh sean duine breòite bochd seachad
air an àite 's an robh mise na m' shuidhe 'us dh' iarr mi
air Ban-diùc Eoxburgh dol a bhruitheann ris ; 's e
coigreach a bh' ann a thàinig a America, thuirt e gun
robh e dol do Shasunn agus gur e àite grùnnda a ]jha
'n so !
Choisich sinn greis air adhart agus thàinig an sluagh
'mach ga 'r faicinn, chaidh sinn a stigh do bhùth agus
cheannaich sinn rudan beaga ann, cha robh ann ach
bùthan beag coltach ris an fhear aig Edmonston agus
bha 'n duine a bh' ann air a chur cho mhòr mu 'n cuairt
's gur gann a b' urrainn dha air seirbhiseachadh. Thilg
e na h-uile ni sios dhuinn. Cheannuich mise comhfluir-
tairean amhach a bha glè mhath, agus dà bheannag a
bh' air am figheadh de shnath clòimhe agus cleòca beag
glè ghrinn.
Bhruidheann sinn ri boireannach an sin ach cha robh
aon diog Blieurla aice agus cha do thuig i sinn ach
fhuair i tè eile a b' òige 'us chuidich i leatha. Suas far
an rathaid agus ri eudann a' bhruthaich bha coig na sia
de bhothain bheaga bhrònach agus clann chas-ruisgte air
dhroch eudach mu 'n cuairt doibh, agus na mnathan
truaglia na 'n suidhe air an talamh. Bha 'n shiagh ri
iollach agus coltas a bhi cho toilichte orra, cha mhor

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence