Skip to main content

‹‹‹ prev (266)

(268) next ›››

(267)
BHO M LEABHAR-LATHA. 227
Sìne thàinig a' ghrian a mach agus fhuair siun feasgar
breagha. Chaidh sinn gu drochaid Speain air an rathad
air an d' thàinig sinn Dimàirt agus 'an deigh dol thar
na drochaide thionndaidh sinn, air adhart ri taobh na
h-aibhne ris an làmh chli fodh sgàile chraobhan ciatach
a tha pailt mu 'n cuairt agus bha sinn a' faicinn mòran
beighe a' fàs suas ris na bruthaichean. Fhuair sinn
eich ùra 'an dèigh 'dol seachad air an Drochaid Bhàin
agus air sean chladh dhe nach 'eilear a' gabhail moran
cùram, chunnaic sinn sgioba tiodhlacaidh a falbh as
agus grùn de thuathanaich na 'm measg 'an eudach
dubh, bha 'chadh-'chliath glaiste 'us sluasaid gòirid
uaipe. Gheibhear deadh shealladh de Bheinn Nibheis
bho 'n uchdaich os cionn na Drochaide Bàine agus de
na beanntuinn os cionn Loch Lòchaidh agus fhuair sinn
plathadh de 'n loch fhèin bho aon de ghlasan na clais-
uisge. Dh' atharruich sinn eich 'an so mu 'n deachaidh
sinn thar na glaise, tha abhuinn Lòchaidh a ruith air
adhart 'an so agus i glè dhhith air a' chlais-uisge. Tha
'n rathad gu math àrd 'an so so cionn na h-aibhne
agus na clais-uisge, agus sealladh math uaithe de
Bheinn Nibheis agus de na monaidhean mu 'n cuairt.
Tha 'n rathad so — mar a tha na h-uile rathad eile 's
an àite so glè mhath agus breagha, tha e lùbadh a'
measg chraobhan agus bhothan laghach ged a tha iad
beag bochd — thall 's a bhos 'an cois an dailtean beaga
agus an crodh gàidhealach aca ag ionaltradh mu 'n
cuairt. Bha 'n latha frasach a rithist an dèigh dhuinn
tighinn gu Gearrlochaidh. Theirinn sinn gu Banabhi
agus is ciatach an coltas a th' air an Tigh-òsda a th'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence