Skip to main content

‹‹‹ prev (267)

(269) next ›››

(268)
228 TUILLEADH DHUILLEAG
ann, ràinig sinn dachaidh aig ceathranih roimh shia
uairean. Ghahh Beatrais 'us Sìne an tca 'an seòmar na
dinneir, agus 'an deigh sin ghabh iad sràid ghoirid mu
'n cuairt de 'n tigh agus thill iad a stigh aig seachd.
Thug mise greis air sgriobhadh. Bha e sior shileadh air
an uisge ach cha robh gaoth ann. An deigh na dinneir
chluich Beatrais 'us mise am ptano, 'us an dèigh sin
chaidh mi suas an staidhir agus thug Sìne Churchill
greis air leughadh dhomh.
Dihaoine, an dara latha deitg de mhios
meadhoin an Fhoghair.
Tha latha breagha soilleir grianar ann an diugh.
Thàinig Mr Newton fear tharruing na 'n dealbh' an so
an dèigh ar tràth-maidne le cuid dhe obair. Tharruing
mise dealbhan 'us chuir mi daithean orra, bha sealladh
cho breagha ri fhaicinn bho m' uinneig fhèin. Chaidh
mi aig aon-uair-deug a macli 'an carbad le Beatrais 'us
Sìne Churchill, bha Seanalair Pousonby air an toiseach,
na shuidh leis a' Bhrùnach, ghabh sinn seachad air
Tightogalach lain fhada agus air adhart troimh Ghear-
rasdan dubh Inbher-Lòchaidh. Bha bogha buagliach
aca air a chur suas beagan seachad air Drochaid Nibheis
teann air sean chladh dhe nach' eilear a gabhail a bheag
dhe chùram agus anns am bheil carragh cuimlnie air
Eobhan MacLachlainn am bàrd. Chaidh sinn seachad
air Tigh Eiridiun beag grinn, a thog fear, Mr Belford agus
a' bhean ; agus beagan in b' fhaide air adhart ghabh sinn
a stigh do 'n bhaile fodh bhogha buadhach eile, 's le
nighean an Kidire Donnacliadh an Fliasadhfhearna 'an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence