Skip to main content

‹‹‹ prev (265)

(267) next ›››

(266)
226 TUILLEADH DHUILLEAG
de chloicli 'us air an drocli thuthadh, le kuthean a'
cinntinn air am mullaichean 's iad gun choltas dluith
no dealbh orra. Bha an achaidhean beaga arbhair
làn luibhean 's an gàraidhean gun sgoinn 'us preasan
a' cinntinn suas ri 'n uinneagan ; ach an dèigh uile bha
crodh aig na h-uile h-aon diubh !
Chaidh sinn seachad air an Fhasadhfhearna an t-àite
bh' aig athair a Choirneil Chamshron a thuit aig Quatre
Bras. Cha 'n eil ann a nis ach tigh-tuathanaich, tha
craobhan glè bhreagha mu 'n cuairt da. Tha mi smuain-
eachadh gu 'm fèumadh gu 'n deachaidh sinn deich mile
a dh' astar gu ceann an loch. Fhuair sinn mòran toil-
ichidh na 'r cuairt gu boil leis na frasan uisge a bha
sior thuiteam.
Thill sinn dachaidh aig fichead mionaid roimh ochd.
Fhuair mi deadh naigheachd niu Leopold ged a bha
droch shide aige. Bha ar dinneir mar a bha i 'n dè,
chluich mi am piano le Beatrais ann an seòmar-na-
cuideachd agus 'an dèigh sin chaidh sinn an àird an
staidhir.
Diardaoin, an t-aona latha dcitg dc mhìos
meadhoin an Fhoghair.
Dlle 'us doireann fad na li-oidhche 'us cha 'n i'
mhaduinn ni is fearr. Cha b' urrainn duinn dol a
mach fad na maidne. Thog e an deigh 'mheadhoin
latha 'us bha coltas breagha air. Direach mar a rinn
sinne suas ar n-inntinn gu dol a mach aig ceathramh
an ddigh ceithir shil e rithist; ach co dhiubh 'n uair
a thog mise orni 'n ani charbad fhcin le Beatrais 'us

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence