Skip to main content

‹‹‹ prev (48)

(50) next ›››

(49)
BHO m' leabhar-latha. 23
dlie — còmhnard ris an talamli — tlia an sgrìobliadh a
leanas air a ghearradh anns an t-seann litir Shasunnaich :
" Dean fois, fhir-turais an so bho d-fhalbhau ;
Òl, 'us dean ùrnuigh air son Ban-righ Albainn."
Dh' òl sinne dhe 'n uisge le cridheachan gle bhrònach, a'
cheart fhuaran bho 'n d' òl mise le m' Ailbeart gaoil
bho chionn cheithir bHadhna. Shìn an Granntach an
t-searrag-pòcaid aige dhomh — fear a thug mi fhèin dha,
agus as an d' òl sinn air an latha sin roimhe ! Thog
Morair Dalhousie an tobar mar chuimhneachan air an
Latha sin, agus bha tighinn ann a rithist dhomhsa cho
sòhihnte ri turus-cràbhaidh ; ghabh sinn beagan tca an
dèigh sin goirid bho 'n tobar agus fhuair sinn an sealladh
a b' àilhdh a ghabhadh faicinn de 'n ghleann fharsuing
bhòidheach so. Bha e air a lasadh suas le grian an
fheasgair agus e cho blàth ri latha sàmhraidh gun deò
gaoithe ann, agus an speur a' fàs ni bu deirge 's ni bu
deirge. Agus 'n uair a sheall sinn air na monaidhean
sìos troimh 'n ghleann bha 'n deàrsadh maiseach orra 'is
tric leò a bhi orra 's an fheasgar. Bha na gillean 'n an
èideadh gàidhealach agus na h-eich bheaga 'n an grunnan
mu 'n cuairt de 'n fhuaran thall 'us a bhos a' sealltuinn
cho grinn, ach bha gach ni cho neònach leamsa, cho
mhi-nadurra 'us cho cianail. Thog sinn oirnn a rithist a'
marcachd agus ghabh sinn an ceart rathad air an
deachaidh sinn air adhart roimhe bho chionn cheithir
bliadhna, seachad air seann chaisteal Inbliirmarc.
Bho 'n a bha ùine gu leòir againn mharcaich sinn gu
Loch Liath : cha d' rinn sinn ach 'fhaicinn uainii air
an uair roimhe : cha' n' eil ann ach loch beag, ach tha

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence