Skip to main content

‹‹‹ prev (47)

(49) next ›››

(48)
22 TUILLEADH DHUILLEAG
sinn thar an Tanair agus an deigh dìreadh astar
beag ri taobh Beinn Chian stad sinn a ghabhail ar
tràth-nòin, agus chaidh Seanalair Grey air adhart a
choinneachadh Morair Dalhousie. Bha dithis dhe na
forsairean aige air tighinn a dheanamh an rathaid
dhuinn. An deigh suidhe tacan beag 'us ar n-anail a
leigeadh chaidh sinn a rithist air na h-eich 'us dhirich
sinn suas ri guallainn Beinn Chian 'us ghabh sinn
air adhart. Bha e gu math ceòthar a null uainn 'us
choisich sinn greis, agus an dèigh sin mharcaich sinn
sios an cathadh breagha ris an abrar Allt-an-Fhàraidh ;
ach cha d' thug an sealladh an toilinntinn dhòmhsa 'thug
e 'n uair a chunnaic mi roimhe e, cha toir ni air bith
togail air m' inntinn a nis. Thachair Morair Dalhousie
oirnn agus Seanalair Grey aig ìochdar a' chathaidh agus
fhuair sinn fàilte chridheih Beagan ni b' fhaide air
adhart, aig a' bhothan f ar an do ghabh sinn ar tràth-nòin
an ISGl thachair piuthar Morair Dalhousie, a' Bhan-
mhorair Cairistiona Maule oirnn 's i a' marcachd. Thill
i leinn 's an dèigh dol beagan shlatan air adhart, theirinn
sinn aig an tobar. Tha e breagha da rìreadh air a thog-
ail de chlachan geala 's e air cumadh sean Chrùn
Albainn. Tha clàr air am bheil an sgrìobhadh a
leanas air a chur a stigh ann an aon de a phuist :
" Bha a' Bhan-righ Victoria agus am Prionnsa-Ccile
aig an tobar so, agus dh' òl iad dhe 'uisge ùrachail
air an fliicheadamh latha de mhios-meadhoin an Fhogh-
air, 1861, a' bhliadhna anns an do thuit an tròm bhròn
air a Mòrachd ràoghaih" Tha an tobar ag dirigh as
a' ghrùnnd 'n a ghucagan bòidheach, agus mu' n cuairt

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence