Skip to main content

‹‹‹ prev (49)

(51) next ›››

(50)
24^ TUILLEADH DIIUILLEAG
e fior bhòidheach, bha deàrsadh na greine cho maiseach
air, 's chuir e na m' chuimhne an ceann is fhaide air
falbh de Loch-Muic, Mharcaich siun as a sin a dh'
ionnsuidh an tighe : bha cuimhne cho math agani air
seòmar-na-cuideachd 's rinn 'fhaicinn a rithist gach ni
cho ùr dhomh. Thug a' Bhan-mhorair Cairistiona suas an
staidhir sinn, bha 'n dà bliean-fhrithealaidh, 'us Eileag,
'us Ban-mhorair Churchill, agus ani Brùnach uile anns
an aon trannsa, air falbh bho 'n chòrr de 'n tigh. Bha
mise glè sgìth, agus cianail, 's ann a bha mi mar gu 'm
bithinn air chall. Cha robh mi riamh roimhe an tigh
aineoil na m' aonar, gun mo mhàthair no mo chompanach
leam, agus bu bhrònach leam a bhi 'smuaineachadh air.
Bha leanabh gràdhach leam, ach dh' fhalbh an fheadh-
ainn ghaolach a bha cho fada os mo chionn ! agus bu
chruaidh a bhi ag ionndrainn an cul-taice ! 'S iomadh
turus a dh' fhaicinn luchd-eòlais a ghabh mise le m'
fheudail cho toilichte, ged a dh' fheudadh a bhi againn ri
dol troimh nithean nach biodh furasda leinn 's a bhiodh
foirmeil, bha 'n sòlas cho mor againn ann a lilii 'an
cuideachd a clieile, agus sinn mar gu 'm b' eadh 'n ar
saoghal dhuinn fhein.
Bha 'n dinnear gu h-losal ann an seòmar bòidheach
's bu mhath mo chuimhne air ; cha robh aice ach Morair
Dalhousie, a' Bhan-mhorair Cairistiona, an Seanalair,
Ban-mhorair Churchill, Eileag, agus mi fhèin: cha d'
fhuirich mise gu h-iosal ach ùine ghoirid. An dèigh
na dinneir chaidh mi suas an staidhir le Eileag agus
Sine Churchill, agus an dtìgh sin chaidh mi mach greis
le Sìne : bha am feasgar gle blilàth.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence