Skip to main content

‹‹‹ prev (31)

(33) next ›››

(32)
8 TUILLEADH DHUILLEAG
bruidhinn urrad ris, mo bhròn fhèin a' niill 's a' nall,
Rinn sin dhomh nach robh an turus cho aonaranach no
cho goirt 's a' bhiodh e air chor eile.
Eug sinn air càch aig Stanley 'us ghabh sinn air
adhart an carbadan fosgailte gu Aboyne. Bha Eileag,
Alfred, agus mo chagaran gaolach leam fhèin. Bha
am feasgar glè fhuar. Eàinig sinn dhachaidh aig fichead
mionaid an dèigh sia. Thachair Bertie agus Alix anns
an dorus oirnn, agus dh' fhan iad tacan leinn. Tha e
cho iongantach leam iadsan a bhi 'an Abar-Gheallaidh !
's nach 'eil ach beagan bhliadhnachan bho 'n is i mo
mhàthair Khaoil a b' àbhaisd a bhi 'fèitheamh oirnn.
TUBAIST A DH' EIRICH D' AR CAEBAD.
Dicmdaom, an seachdamh latha dc mhìos
deireannach an Fhor/hair, 1863.
Bha a' mhaduinn ceòthar. Le sac air mo chridhe
chuir mi romham comhairle Alice a' ghabliail, agus
feuchainn ri dol gu Clobha. Dh' fhalbli mi leatha
fhèin agus le Eileag anns a' charbad — aig leth-uair
an deigh dà uair dheug — gu Allt-na-Giùbhsaich. An
uair a ràinig sinn sin, theasaich sinn beagan de
bhrot, 'us bhruich sinn buntàta, agus ghabh sinn
ar tràth-nòin. An deigh sin mharcaich sinn suas
thairis air Monadh - a - Chaipeal fo' sgàth - fhrasan
sneachd a bha 'tighinn oirnn gu math tric. Bha na
monaidhcan uile còmhduichte le sneachd, agus b'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence