Skip to main content

‹‹‹ prev (32)

(34) next ›››

(33)
BHO M LEABHAR-LATHA. 9
àillidh an sealladh sleibhtean uaine Chlobha le 'n crùin
gheala, agus aiteal na grèine a' boilsgeadh orra eadar na
frasan. Ghabh sinn ùine fhada 'direadh 's bha mise giè
sgìth mu 'n do ràinig sinn, agus mi ga m' fhaireachdain
fhèin cho cianail, agus cho aonaranach. 'N uair a bha
sinn a' teirneadh bha solus na grèine, agus i air a h-
uillinn 's an iar, a deàrsadh air Loch Muic, 's bu
bhreagha ri 'fhaicinn e. Chuir e na mo chuimhne-se
iomadh latha sona a chaith mi an sin, anns na làithean
a dh' fhalbh.
Stad sinn aig Allt-na-Giùbhsaich, air ar rathad dhach-
aidh agus rinn sinn tea ann. Cha robh an Granntach
leinn, bha e air falbh le Vicky.i Thog sinn oirnn a
rithist bho Allt-na-Giùbhsaich aig fichead mionaid roimh
sheachd. Bha 'n t-srian aig Mac-a-Ghobha^ agus am
Brùnach 'n a shuidhe ■ lànih ris. Bha Uilleam (an gille
beag dubh aig Alice) air cùl a' charbaid. Bha 'n
oidhche air tuiteam an uair a dh' fhalbh sinn, ach bha
na lòchrain laiste mar a b' àbhaist. Bha atharrachadh
mòr air tighinn air Mac-a-Ghobha bho chionn greise,
ach air an oidhche so bha e coltach ri bhi 'n a bhreislich
bho dh' fhalbh sinn. Chaidh e caochladh uairean
far an rathaid, agus thachair sin uair de na h-uairean
'an àite cunnartach, thug Alice giaodh aisde, agus
theirinn am Brùnach far a' clmrbaid a sheòladh an
rathaid do Mhac-a-Ghobha. Cha robh Alice idir socrach
mu 'n chùis. Ged a bha an rathad cho còmhnard
^ Thainig i fhèin agus Fritz beagan làithean roimhe sin a dh' fhuir-
each do Abar-Gheallaidh le 'n cuid cloinne.
^ Fhuair e pension 'an 1864 agus dh' èug e 'an 1866 'an dèigh a bhi
aona-bliadhn'-deug thar fhichead anns an t-sheirbhis Rioghail.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence