Skip to main content

‹‹‹ prev (30)

(32) next ›››

(31)
BHO m' leabhar-latha. 7
Dhiùc chaoimh." Bha na ceart dhaoine aige an sin
a bh' ann air an latha thoilichte a bh' againn dà
bhliadhna roimh sin. Dh' fheòraich e am faodadh
iad aon iolach a thoirt mu 'm falbhainn, agus air dha
cead 'fhaotuinn chaidh e ihèìn air an ceann. ! cho
cianail 's a bha 'n iolach sin dhòmhsa ! 'us mi 'cuimh-
neachadh air an àm a dh' fhalbh, an uair bho chionn dà
bhliadhna a bha mo ghaol leam, agus e cho làidir
fallain, agus mise cho aoibhneach 'n a chuideachd.
Bha mi 'tòiseachadh ri faotuinn thairis air mo bhròn
air son bàs mo mhàthar ghràidh, 'us sinn ag coimhead le
'leitheid a dh' fhiughar ri iomadh turus sòlasach a bha
sinn an dùil a ghabhail an cuideachd a chèile anns na
bliadhnachan bha romhainn. Bha an Diùc an uair sin
cho slàn 'us cho làidir, choisich e leinn fad an rathaid,
stad sinn aig crìoch na h-oighreachd aige fhèin far an d' òl
iad uile ar deoch-slàinte. Thug e an sin cuireadh cridheil
dhuinn gu tighinn a rithist cho tric 's bu mhiann leinn.
Mu 'n do dhealaich sinn, thug e fhèin agus a dhaoine
iolach àrd a rèir cleachdadh nan Gàidheal, agus cho-
fhreagair an sluagh againne a' chaismeachd le aoibhneas.
Bha pìoban mor a' nuallanaich mu 'n cuairt dhuinn, agus
gach ni cho làn aighir, agus maise ! Bha mise — mar
nach bu cliòir dhomh — air mo thogail, a' smuaineachadh
air na sòlasan de 'n t-seòrsa cheudna a bha romham.
! cho beag 's a tha dh' fhios agaiun air na tha air
thoiseach oirnn, cho neo-chinnteach 's a tha ar beatha,
bha mo chridhe lagsa glè iosal an diugh, ach bha mi cho
duilich airson an Diùc bhochd ^ 's gu 'n do chuir a bhi
1 Dh' èug e latlia no dhà au dt^igh na sean bhliadhn' ùire 1864.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence