Skip to main content

‹‹‹ prev (194)

(196) next ›››

(195)
AN T-EILEANACH. 179
dhasan iarraidh orm suidhe, agiis rinn sinn sud le cheile
air torn fraoich.
"C àite," ars' esan, "an d' ionnsuich thu 'Ghàilig'?"
"Cha d' ionnsuich mi idir i," arsa mise, "dh' fhàs i
annam."
" Ach c' àit' an d' rugadh 's an do thogadh thu T ars'
esan.
" Ann am baile Ghlaschu," arsa mise.
" Fhir mo chridhe !" ars' esan, 's e breth air làimh
orm, " cha 'n urrainn moran sin a ràdh a rugadh 's a
thogadh ann am bail' lonarnis."
Thug mi fèin làmh air adharc a bh' ann am phoca,
cha 'n e adharc fhiidair, ach adharc anns an robh deur
beag do Mhac-an-tòisich.
"An Ò1 sibh deur uisge-bheatha'?" arsa mise,
" Mata, 's mi dh' òlas," ars' esan — agus an uair a dh'
Ò1 sinn air a cheile, thuirt e rium gu 'n robh e smaoin-
tinn gu 'n robh an da chuid deadh uisge-beatha agus
deadh Ghàilig againn ann an Glaschu. Cha d' innis
mi dha nach d' rinn mi ach fhaotainn ann an Tigh-a'
Ghnopain air a' mhaduinn ud fhein.
" An seinn sibh dhomh seann òran T arsa mise.
" Nach deanadh fear ùr an gnothach ?' ars' esan.
" Gasda !" arsa mise.
"Mata, bheir mi dhuit 'Oran an Ridire mhoir.'"
" Co e an Ridii-e mor 1" arsa mise.
'• An rud nach buin duit na buin da," arsa Pàruig,
"ach bha sinn-sean-athair aig sean-athair an Ridire
mhoir, -nach robh 'n a ridire idir, ris an abradh iad
' Dòmhnull dubh nan cath,' agus dh' èirich DòmhnuU
as an uaigh o chionn glioirid, agus so agad mar a labh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence