Skip to main content

‹‹‹ prev (18)

(20) next ›››

(19)
SPIORAD NA H-AOISE. 19
an tigh-aoraidh le sùil bhuaireasach is 'anail
'na uchd, a dh' innseadh gu'n robh 'n crodh
maol odhar anns a' ghart agus e dhol a mach
g' an saodach as.
" Imich uam," arsa Caomhan ; " b' usa
dhuit-sa, 'bhobuig, an cur as thu fèin, na
ruith mar so 's an anail a' t' uchd a thoirt an
sgeòil 'am ionnsuidh-sa — èisdidh mise na
briathra taitneach."
Tiota beag 'na dhèidh sin, thainig an t-
òganach ceudna air ais — buaireas is boile
'na shùil agus 'anail 'na uchd : " A mach,
a mach, a mhic Ghorla-nam-beann," ars' esan,
" tha na coin againne a' ruagadh do chuid
mart — mur bi thu mach am prioba na sùl,
cha'n fhaic thu 'n t-ath-shealladh dhiubh."
" Air falbh, a bhobuig," arsa Caomhan
donn, " b' usa dhuit-sa do chuid con a chas-
gadh na teachd mar so 's an anail a' t' uchd
g'a innseadh dhòmhsa. Eisdidh mise teach-
daireachd an aoibhneis."
'Nuair bha 'n t-aoradh seachad chaidh
Caomhan a mach, agus faighear na tri mairt
mhaola odhar a' cur an sgìos, gun ghluasad
as an àite 's an d' rinn e 'm. fàgail. Dh'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence