Skip to main content

‹‹‹ prev (19)

(21) next ›››

(20)
20 SPIORAD NA H-AOISE.
èirich iad agus ghluais iad air an t-slighe
dhachaidh, agus lean Caomhan iad. Cha b'
fhada bha e air an cùl, 'nuair a chunnaic e
machair fharsuing co lom 's gu faiceadh e 'n
dealg bu chaoile air an lom làr ; agus mhoth-
aich e capull agus searrach òg meanmnach
lùghmhor ag ionaltradh, agus iad co reamhar
fheòhiihor ri ròn a' chuain mhoir. " Tha so
iongantach," arsa Caomhan donn. Faicear
tiota beag 'na dhèidh sin machair eile, fo
bhàrr fàsaich, air an robh capull agus searrach
nach seasadh minidh nan cuaran 'nan druim
leis a' chaoile.,
Faicear 'na dhèidh so lochan uisge, agus
mòran a dh' òigridh aoibhinn aighearach, ùr,
àilHdh, ag imeachd le caithream binn agus
'nam buidhnean ait a dh' ionnsuidh ceann
àrd an lochain, gu tìr na grèine, fo sgàile
nan craobhan bu chùbhraidh : chual' e tor-
man nan allt a bha 'n dùthaich na grèine —
ceileirean nan eun — fonn theud air nach
robh e eòlach, agus inneil chiùil nach cual'
e riamh roimhe sin.
Mhothaich e buidheannan eile do mhuinn-
tir thruagh a' triall gu ceann ìosal an lochain

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence