Skip to main content

‹‹‹ prev (17)

(19) next ›››

(18)
lÈ SPIÒRAD NA H-AOISE.
e am meas a bha bòidheach àillidh do 'n
t-sealladh ; ach cha do bhlais se e.
Ghabh na tri mairt mhaola odhar seachad
air a' choille, 's ràinig iad aonach farsuing air
an robh falaisg — am fraoch fada r'a theine —
ghabh iad g'a ionnsuidh. Bha 'n fhalaisg a'
sgaoileadh air an raon a' bagairt e fèin 's na
mairt mhaola odhar a losgadh ; ach ghabh
iad troimhpe — cha d' fheuch e am bacadh,
oir b' e so an gealladh a thug e ; lean e iad
troimh 'n teine, 's cha do loisgeadh ròin do
fhalt a chinn. Faicear 'na dhèidh sin abh-
uinn mhòr a bha air at le tuiltibh nam
beann. Thairis oirre ghabh na mairt mhaola
odhar, agus as an dèigh ghabh Caomhan gu
neo-sgàthach.
Tiota beag 'na dhèidh sin, faicear tigh-
aoraidh geal bòidheach air rèidhlean uaine ri
cùl gaoithe 's ri aodann grèine, as an cual' e
fuaim nan dàna mihs agus nan laoidhean
binne. Laigh an sprèidh air a' bhlàr, 's
chaidh Caomhan donn a stigh a dh' èisdeachd
sgeul an àigh. Cha b' fhada bha e 'g èisd-
eachd teachdaireachd an aoibhneis, 'nuair
thainig òganach guanach a stigh air dorus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence