Skip to main content

‹‹‹ prev (18)

(20) next ›››

(19)
'S e mo chreach gu 'n do striochd tliu,
Gun òl, gun phoit fiona,
Do chlann òg air an dìobradh,
Co ni 'n deoch dhoibh a lionadh
Chasg am paghaidh na 'n iota,
Cha' n'eil fath bbi ga chaoidh sin,
Gun thu 'n caidreamh do dhislean
'S ann a dh'fhàg iad thu mhios gus a maireach.
'S ann a dh'fhag, &c.
'S e chuir m' astar a maillead,
'S rao shuilean an doiUead
Bhi aig faicinn do chloinne,
'S a 'n luchd foghlum sa 'n oilein
Bhi na 'n ceathairne choille,
'S iad ga 'm fògairt gun choire,
Gun solus gun choinneal
'S iad gun fhios ac co 'n doire 's an tamh iad.
'S iad gun, &c. *
Gur a goirt leam ri chluinntinn,
'S gur a h-oil leam ri iomradh,
Gach neach a tha 'g ìnnseadh,
Nach robh agaibh d' ur muinntir,
'S nach d' thug sibh 'ur 'n iondrain,
Oil air mhath da luchd diomba,
Do dh' 1 mar-ri mhuinntir,
'Sgu'm biodh sa'n innis m'a thimchioU nacàirdean.
'S gu 'm biodh, &c.
Och, 's mis' th' air mo sgaradh !
Nach d' thug iad thu thairis,
Dhol air tir air an Ealaidh,
Dhol fo dhion anns a charruig,
Do reilig na 'Manach,
Far 'm bheil do chàirdean na'n luidhe,
a4

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence