Skip to main content

‹‹‹ prev (17)

(19) next ›››

(18)
6
Ach 's e aobhar mo ghreadaidh
Mac Mhic Ailein a leagail,
Nis co 's urrainn d' ar seasamh,
Chaill sinn cruadal a's misneach na 'n Gaidheal.
Chaill, &c.
Co an neach ga bheil sùilean,
Nach gabhadh da ionnsaidh
Mur tha choiìl air a rusgadh,
Fhrois a h-abhull sa h-ubhlan,
Dh'fhalbh am blath bhar gach ùr ros,
O nach mairrionn an t-aon-fhear
Fo laimh Dhia gabh dhinn cùram,
'S ann tha fuasgladh na cuis aig an Ard-Righ.
'S ann tha, &c.
Oirnne thainig an diobhail,
Tlia Sir lain a dhith oirn,
'S Cloinn Ghilleòin air an dìobradh,
lad gun iteach gun lìnnidh,
Ach mur gheoidh air an spionadh,
Cha n' eil fèum bhi ga innseadh,
'S iad a' measg an luchd mio-ruin
Gar an ann ri feall-intleachd a bha iad,
Gar an ann, &c.
Gur h-e turas na truaighe,
Gun bhuidhinn, gun bhuannachd
O 'n la ghabh sibh cead buan
Do dh' oighre Dhubhairt na 'n stuaghan
Ged tha sud na chàs cruaidh oirnn',
Os cionn tuigs' agus smuaintean,
Cha cheist air Dia fhuasgladh,
'S e a faicinn sa nuair so mur tha sinn.
'S e a faicinn, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence