Skip to main content

‹‹‹ prev (29)

(31) next ›››

(30)
26
17.— AN T-ARMUNN GUN SPID.
Fonn — " Fhir a dhìrcas am Bealach^
Beir mo shoiridh do 'n ghleaìin so shuas.'
GuR a diomhain bhi 'g athris
A' chion a thug m'anam do m'Luaidh, —
N'a ràdh — " air a sgàth-san
Gu'n strìocainn do 'n bhàs, air a chruas ;" —
Cha dean briathran ach duathar
A chur air baoth-smuaintibh mo chìnn ;
Agus cainnt cha dean stàth dhomh
A thaisbeanadh cràdhlaidh mo chrì'.
Air failUrinn illirinn
Uillirinn òro laoigh,
Tha m' inntinn fo aimcheist
Nach cuirear le seanchas 'an suim !
Och, ochan ! mo chràdhladh !
Ard-ealaidh no dànachd ro bhìnn
Cha-n fhoillsich trom-shàrach'
Mo ghràidh dhut, òg-àrmuinn gun spìd ! —
'S o 'n 's gaol e le briathraibh
Nach gabh cur gu siorruidh an ce'iU
Gu'n glais mi gu sior e
An tasgaidh an dìomhair mo chre !
Air faillirinn, &c.
'Stric a mhol thu mo chòmhradh —
" Mo ghuth leat cho ceòhnhor ri ian
A chuireadh air f ògradh
Gach ceal agus bròn uat mar shian ;" —
Nuair a bliiomaid gu dealach'
" Bu chaoin 'us cho mealach leat 'fhonn
'S nuair a theirinn-sa " soiridh "
Gu'n dùisgeadh e sonas ad chom" !

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence