Skip to main content

‹‹‹ prev (28)

(30) next ›››

(29)
25
Bhiodh mnathan nan dualag cuachach, mar-ris
A' cheannard a b' uaisle tuar 'us canachd :
De 'n bha 'san Taobh-tuath b' e luaidh nam pannal,
Air suairceas, Alastair Uaibhreach.
Ach, 's cadal gun suain (mo nuar !) do cheannard
A choisinn a* bhuaidh " air chuan 's air thalamh ;"•—
'S o'n chaidh e 's an uaigh mheath snuagh a thighe,
'S tha Gruaim 'ga thathaich gu duaichnidh !
Tha coille nan ge'ug bu che'utaich' meangan
Gu dubhach, fo speur nan ne'ul nach geanail ;
'Us Casain nan ste'ud gun ghle'us, gun teanal,
Aig fe'ur fo cheannas 's aig luachair !
Air gàradh nan ròs 's nan òighean geala
Tha aogasg a' bhròin gu niòr iar laidhe,
O'n ghluaiseadh na ròis bu bhòi'che sealladh,
Sliochd òg an tighe, o'n dualchas.
Tha Cianalas trom gun f honn 's an talla ;
Tha Sàmhchair mu'n Tom-|- a b' fhonnar ath-ghuth
'^Nuair shiùbhladh an Sonn le dhonn-eich mheara
'Na charbad dealain air chuairt uainn !
Tha filidh nan duan gun luaidh air gaisge
O'n chuireadh 's an tuam ceann-sluaigh nan caisteal;
Chaidh ceòl nan dos dualach suas a thasgaidh,
'S an sròl a phasgadh fo ghruaman.
'S e mheudaich mo bhròn — an t-òigear allail,
An Sàr, Aonghas Og, 'an Cnòideart thall-ud,
Bhi 'g imeachd o shlògh, 's o nòs, car tamuill,
'S o chòir à Sheanar, thar chuaintean.
S. M.
* " Per Mare per Terras."
t Tom lain 'ic DhùghailL

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence