Skip to main content

‹‹‹ prev (42)

(44) next ›››

(43)
Crann-Ceusaidh Chriosd
A?ins an treas aite — Chithear an so mar an
ceudna glòir gHocais do-thuigsinn Dhè, d'an cliù a
bhi toirt gu buil nan criochan as fearr leis na
meadhonaibh as freagaraiclie. Is iad criochan a'
chruinn-cheusaidh as ro fhearr annta fèin, agus as
fearr d'ar taobh-ne as urrainn sinn a bhreithneach-
adh;— glòir Dhe agus leas dhaoine. Agus tha na
, meadhonaibh tre am bheil na criochan so air an
coimhhonadh cho freagarach agus cho iomchuidh,
' agus gu'm bi an doimhneachd neo-chriochnach a
tha annta de ghHocas, 'n a chulaidh iongantais do'n
chruitheachd fad na siorruidheachd.
Is ni furasda thuigsinn, glòir a' Chruithf hear air
a taisbeanadh ann a bhi deanamh maith do chreut-
air neo-chiontach : ach is e gHocas diomhair agus
\ sonruichtea'chruinn-cheusaidh,glòira'Bhreitheimh
chothromaich air a taisbeanadh ann an deanamh
maith do'n eucorach chiontach. Is ni furasda
thuigsinn fireantachd Dhè air a taisbeanadh ann
> am peanasachadh pheacaidhean ; is e an crann-
' ceusaidh a mhàin a tha taisbeanadh fhìreantachd
! ann am maitheadh peacaidh (Rom. iii. 25). Tha e
ag àrdachadh ceartais ann am maitheadh peacaidh,
agus ag àrdachadh tròcair ann a bhi ga pheanasach-
adh. Tha e taisbeanadh ceartais ann an dreach as
uamhasaiche na ged bhiodh tròcair air a dùnadh a
35

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence