Skip to main content

‹‹‹ prev (41)

(43) next ›››

(42)
Crann-Ceusaidh Chriosd
ach sealladh neo-iomlan air a' ghràdh so, tha dol'
thar gach uile eòlais. Ged shaoileamaid gu'n
robh gràdh nan uile dhaoine' a bha riamh, no
bhitheas air an talamh, agus uile ghràdh nan
ainghbh air neamh, air an aonadh ann an aon
chridhe, cha bhiodh ann ach cridhe fuar an
coimeas ris a' chridhe ud anns an do shàth an
saighdear a shleagh ! Cha 'n fhaca na h-Iudhaich
ach fuil agus uisge ; ach chithear le sùil a'
chreidimh cuan soilleir do ghaol siorruidh a'
taomadh a mach as na lotan ud. Faodaidh sinn
ruigheachd air tomhas eòlais air glòir a' ghràidh
so, le beachdachadh air a thoraidhean. Bu chòir
dhuinn beachdachadh air na fhuaradh de bheann-
achdan spioradail agus siorruidh le sluagh Dhè
rè cheithir mìle bhadhna mu'n robh Criosd air a
chur gu bàs ; na f huaradh leò o'n àm sin gus a
nis, no a gheibhear leò gu àm comhhonadh nan
uile nithe ; — gach saorsa o thruaighe shiorruidh ;
gach cuan aoibhneis air neamh : gach abhuinn de
uisge na beatha a bhios air am mealtuinn fad na
siorruidheachd le àireamh mar ghainneamh na
fairge ann an honmhorachd ; — bu chòir dhuinn
beachdachadh air na beannachdan ud uile mar tha
iad a' sruthadh o'n ghràdh ud a tha air a thaisbean-
adh ann an crann-ceusaidh Chriosd.
34

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence