Skip to main content

‹‹‹ prev (39)

(41) next ›››

(40)
Crann-Ceusaidh Chriosd
ris an iobairt sin, cha'n 'eil i ach 'g a nochdadh
a mhàin. Tha i toirt peanas a' pheacaidh bharr
ar làimh ; — air chor 's nach 'eil tuilleadh gnothuich
againn ris. Agus gu cinnteach bu chòir do
shealladh air ar cunnart, air dhuinn fhaicinn air
a thoirt as an rathad, ar n-aoibhneas a mheud-
achadh an àite a lughdachadh. Le sealladh
air meud ar cunnairt, chì sinn meud ar saorsa.
Tha crann-ceusaidh Chriosd a' taisbeanadh glòir
ceartais neo-chriochnach, ach tuilleadh na sin; —
Oir—
Auns an dara àite, — Tha e air mhodh àraidh a'
taisbeanadh glòir tròcair neo-chriochnach. Cha 'n
'eil ni 's an t-saoghal as glòrmhoire no as ion-
ghràdhaiche na gràdh agus maitheas ; agus is e
so an taisbeanadh as mò air gràdh, as urrainnear a
hreithneachadh. Tha maitheas Dhè ri fhaicinn
'n a oibribh uile ; — Is e sin a' chuid as sonruichte
de ghlòir na cruitheachd. Tha e air a theagasg
dhuinn sealltuinn air an t-saoghal iosal so mar
àite comhnuidh frcagarach airson dhaoine. Ach
le sìiil ri l)riathran an Abstoil (Eabh. iii. 3) bu
chòir do'n tiodlilaic mu lìlieil sinn a' labhairt a
bhi air a meas leinn airidh air barrachd urram na
an saoghal, ann a mheud 's gu bheil barrachd
urraim aig an Ti a thog an tigh na tha aig an tigh.
32

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence