Skip to main content

‹‹‹ prev (38)

(40) next ›››

(39)
Crann-Ceusaidh Chriosd
ann an unihlachd agus ann am fulangais nach do
mhair ach rè scal, gidheadh, — do bhrìgh gu'm bi
iad air chuimhne gu siorruidh, faodar a radh gu
bheil crann-ceusaidh Chriosd a' cur urram agus
òirdhearcas siorruidh air an lagh leis an riarachadh
a thug e dha ; an lagh uamhasach sin leis a
bheil a' chruitheachd (rioghachd Dhe) air a riagh-
ladh, agus d'a bheil uachdaranachda agus cumh-
achdan nèimhidh fo smachd ; — an lagh sin, ann an
dlteadh peacaidh, a dh'fhuadaich an Diabhul agus
a chuid aingHbh a mach a glòir, a dh'fhuadaich
ar ceud pharantan a mach a Eden, agus a
dh'fhògair sìth o'n t-saoghal. A' beachdachadh
air Dia, uime sin, mar Bhreitheamh agus mar
Lagh-thabhairtear an t-saoghail, tha e soilleir gu
bheil a ghlòir a' deàlradh le deàrsadh do-labhairt
ann an crann-ceusaidh Chriosd, mar dhioghaltas an
aghaidh a' pheacaidh. Ach is e so an dearbh ni
tha cumail luchd gràdhachaidh a' pheacaidh o bhi
ag aideachadh glòir a' chruinn-cheusaidh ; do
bhrigh meud na tha e nochdadh de'n f huath a tha
aig Dia don ni sin d'a bheil gràdh acasan. (ìu
bhi claoidh nàimhdeas na h-inntinn fheòhiihoir
do'n chrann-cheusaidh, tha e feumail a thoirt
fainear;— ged tha iobairt Chriosd a' nochdadh
peanas a' pheacaidh, gidheadh ma ghabhas sinne
31

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence