Skip to main content

‹‹‹ prev (27)

(29) next ›››

(28)
Crann-Ceusaidh Chriosd
an solus, a thrusgan ; na neòil, a charbad ; an
tairneanach, a ghuth ; — tha a neart uile-chumh-
achdach ; a shaoibhreas uil'-f hoghainteach ; a
ghlòir neo-chriochnach ; — is iad feachd nèimh
a luchd frithealaidh, is iad muinntir òirdhearc
na tahnhainn oighreachd neo-thruailHdh, air an
do bhuihch e saoibhreas do-rannsaichte ; cuirmean
de shòlasan buan-mhaireannach, agus, suidhich-
idhean càrda a dh'urram neo-bhàsmhor ; — 'g an
deanamh 'n an rìghrean agus 'n an sagartan do
Dhia; 'n an luchd buaidh, seadh, 'n an kichd
tuilleadh agus buaidh ; — 'n an cloinn do Dhia,
agus ann an aonadh diomhair ris fèin.
Tha rud-eigin ri fhaicinn an so a tha toirt barr-
achd neo-leithideach air gach glòir thalmhaidh ged
tha e fo chomhdach ro-iriosal. Ach tha an comhd-
ach iriosal so an aghaidh càil an t-saoghail. Gidh-
eadh, ma bheachdaichear gu ceart air a' chomhdach
so, chithear e ann an dreach cho glòrmhor agus
gu bheil eadhoin a dhlbhdheachd ro-urramach.
B' isleachadh glòrmhor e, do bhrigh gu'n robh a
rùintean agus a thoraidhean ro-ghlòrmhor. Ma
dh'fhuihng Esan masladh, bochduinn, cràdh, bròn
agus bàs rè seal ; is ann a chum nach fuihngeadh-
maidne na nithibh sin a chaoidh. Uinie sin,
bha an t-ìsleachadh ud glòrmhor do bhrìgh gu'n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence