Skip to main content

‹‹‹ prev (26)

(28) next ›››

(27)
Crann-Ceusaidh Chriosd
cha robh àite aige anns an leagadh e a cheann ;
an àite cuirmean greadhnach do mhuinntir eile,
bu tric a bha e fèin ocrach agus iotmhor ; an àite
luchd frithealaidh àrd-inbheach, buidheann a
dh'iasgairean bochda ; an àite mòr-shaoibhreas
gu a sgapadh air muinntir eile, cha robh aige
na phaigheadh a chis gun miorbhuil oibreachadh.
Agus cha robh dreuchd no onoir a b'fhearr aige
ri bhuileachadh air a chcàirdean na gu'n togadh
iad an crann-ceusaidh ann a bhi 'g a leantuinn.
Anns gach ni bha a shuidheachadh uile gu leir
calg-dhìreach eu-cosmhuil ri mòralachd shaoghalta
o a bhreth gu a bhàs. Prasach an àite creathall
aig a bhreth, gun àite an leagadh e a cheann
mar bu trice rè a bheatha ; no uaigh a bhuineadh
dha fèin aig a bhàs.
Is e an sealladh so air irioslachadh Chriosd a
ghluaiseas an t-as-creideamh gu bhi feòraich le
frionnas gearanach, — C' aite am bheil a' ghlòir ud
uile tha cho ion-mholta?
Le sùil a' chreidimh, chithear a'ghlòir ud troimh
roinn-bhrat tana f heòla ; agus fo'n chomhdach
iriosal ud, chithear Righ na glòire, Righ nan
Righrean, an Tighearna làidir treun ; an Tigh-
earna treun an cath (Salm xxiv. 8). Is iad na
neamhan a righ-chathair ; an talamh stòl a chos ;
19

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence