Skip to main content

‹‹‹ prev (23)

(24)
[ 24 ]
agus a shuidh air deas righ-chathrach Dhe.
Cuireamaid ar creideamh 's ar dochas annsan.
Agus o chreideamh 's o dochas gheibh sinn neart,
agus theid gach geilt air chul. Is goirid gus an
coinnich sinn uile ann ar duthaich fein, far nach
dealaich sinn na 's mo.
Is e duthaich nan Gaidheal creidmheach, an
Nuadh Ierusalem, agus is e Feachd-cheannard
nan creidmheach — Triath nan Gaidheal creidm-
heach, an Tighearna Iosa Criosd. Cruinnichidh
esan sinn fathast do ar duthaich fein ; agus is
goirid, tha mi an dochas, gus am faic ar suilean 's
an dachaidh bhuain e. Agus O, nach sinn a
bhios aoibhneach an sin !
Cha 'n 'eil an so dhuinn dachaidh bhuan,
5 S na dorsan 'fosgladh fial a suas,
Gu 'r failteachadh le baigh :
Mar choigrich is luchd-cuairt a bhos
Gun kit' gu tamh, ach clos
A d' dhuthaich gheibh gu h-ard.
Is coigreach mis' tha lag is sgith
'S do gheataibh aillidh cuin a chi
Ierusalem tha shuas ?
Cia aoibhneach leamsa teachd an Ik
'S am faigh mi fuasgladh o gach cks
Gu brkth an sonas buan.
Printed by R. & R. Clark, Limited, Edinburgh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence