Skip to main content

‹‹‹ prev (22)

(24) next ›››

(23)
[ 33 ]
Righ riamh ann a thug a leithid do speis do na
Gaidheil is a thug ise. Bu toigh leatha na daoine,
an canain, an eachdraidh, 'san duthaich agus bu
toigh leatha Eaglais na h-Alba, agus shil ioma
suil gu deurach chionn do thir a cridhe agus a
graidh nach pill i ni 's mo, agus is call mor ise do 'n
Rioghachd do 'n Eaglais agus do Thir nam Beann.
Tha uaighean nan Gaidheal ri 'm faotainn feadh
an t-saoghail mh6ir ; agus gu 'n deonaicheadh Dia
do na Gaidheil, anns gach duthaich 's am bheil
uaigh aca, gu 'n toir an uaigh sin an duthaich
dhachaidh gu 'n cridhe, agus gu 'n lean iad gu
dluth ri cliu an sinnsearachd.
Cha 'n 'eil annainn ach luchd-turuis is luchd-
cuairt air an talamh — allabanaich bhochda ! Tha
sinn air ar turus a chum an aite mu 'n dubhairt
Dia, " bheir mi dhuibh e." Na 'm biomaid
cuimhneachail air an duthaich as an d' thainig
sinn am mach, dh* fhaodamaid am iomchuidh
fhaotainn air pilleadh. Ach tha mi an dochas
gu 'm bheil deigh againn air duthaich a's fhearr,
eadhon duthaich neamhaidh. Tha moran againn
gun duthaich 's gun dachaidh air thalamh ; ach
faodaidh sinn a bhith 'g radh :
'Se Dia mo st6r, mo bheatha m' iuil,
O'n d' thig mo luth 's mo threis,
Gainne no gorta, beatha no bas,
Cha sgar o' ghradh mi 'm feasd.
Is sinne saighdearan Chriosd. Is esan Ceannard
agus fearcriochnachaidh ar creideamh ; neach air
son an aoibhneis a chuireadh roimhe a dh' fhuiling
an crann-ceusaidh, a' cur na naire an neo-shuim,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence