Skip to main content

‹‹‹ prev (26)

(28) next ›››

(27)
Bha 'bhuaidhean fein aig' gach aon diubh,
'S sheall iad e an caochla doigh
Mar FhiodhuU, Duisiol gu h-àlllte,
Piob, us ClArsach, cuir ri'ceol.
'S ge do theireadh fear an àireamh,
Gu'm b' e Chlàrsach Ban-Righ 'cheoil,
Cha bu dhearbhadh sin air aiUteachd,
Gu an d thug ì^ thar cach an còrr.
Tha cuid ann tha pailt an storas,
'Us tha euid-mhor dhiubh deth na bheachd,
Gu'm b' e 'n gliocas fein 'san seoltachd,
Dh' fhag an t-òr aca cho pailt.
Ach ge robh ealaichean deth 'n or ac',
■ Agus dròbhain air na blair,
Cha d' thug sin doibh ciall no eolas,
Co am fear orain a b' fhèarr.
ThajCuid na'm barail tha daighean,
'S mar an droighean tha cho grèang,
Ga b' e bhìos iad ceart no'm mearachd,
Cha'n eil' an aire ach aù* spraig.
Labh'raibh iad am briathran bras,
Air nì nach fac' iad, 's nach robh ann,
Le guth-ard, s le faomeachd facail,
Co is tapaidh ann 'n ceann.
Tha cuid 's their iad fein gur Baird iad,
Ge 'n d'thoir iad, ach dan air èiginn,
Ach 's lurach i bhios gun aillteachd,
'Us cha chuireadh fear ceairde brèid oirr* :
Tuthag oirre deth gach seorsa,
Gun fhuaitheal boidheach air te dhiubh,
Na pìlleag gu rìbphuilleach, rapach, breòite,
Gun fhiu sgeòid, anns am bi feum dhi.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence