Skip to main content

‹‹‹ prev (25)

(27) next ›››

(26)
20
Ma tha tlacM am briathran ciuin,
'Us teud a chiuil 'gan deanamh tlà,
'S Bamhlaichean gu min-rèidh farasd',
S iad neartmhor, gun idir spàirn :
Dheanadh oran milis gaoil,
Am briathran caomh gu neo- chiontax;h,
Cha chuala sinn, ann an Gaidhlig,
A thug bàrr air UiUeam Ròs.
Ach na'n rachamaid do bheannalbh,
Far am biodh an canach dlu,
'S far am faighte a ghreadh eangach,
'Dìreadh rl' meallan na'n stùchd ;
Co am fear do 'm b' aithne 'n cronan,
'S na lusain do 'm b' eol gach aon ?
Na cuireadh iad ceart an òrdugli,
Ach Dunachadh mòr Mac an t-Shaoir.
'S ged bha gibhtean aig Mac DhomhnuiU,
Chuìreadh gu co-stri na gaisgich,
'g gach buaigh a bhuineadh do nadur,
Mar a dh' fhas iad bhi 'g an aithris,
'S ioram-cuain an cainnt cho ladir,
'S nach cualas Bàrd thug air barrachd ;
Cha robh e na Dunachadh Bàn,
Ni b' àird' an ailleachd a chuid beachdean.
Tha cumhachd dàin am Beinn-Dorain,
'N coimeas ri' Morag ge maiseach.
Tha fileantachd, 's buig' a cheoll innt'
Ged tha sgòid air cuid do rannalbh,
Tha saighead chupid na shàr-ghuin,
A chuir Mari-Bhan na bhroìlleach,
'G innse tlaths 'us caothach graidh dhuinn
An cumhachd dàin tha na onair. . ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence