Skip to main content

‹‹‹ prev (134)

(136) next ›››

(135)
CLARSACll NA COILLE. 99
Gacli latha 's oidhche 's gach car a ni mi
Gu 'm bi mi cuimlineachadh anns gach am
An tir a dh' fhàg mi tha 'n taic an t-sàile,
Ged tha mi 'n dràst ann am bràighe ghleann.
Cha 'n ioghnadh dhomhsa ged 'tha mi brònach,
'S ann tha mo chòmhnuidh air ciil nam beann,
Am meadhon fàsaich air Abhainn Bhàrnaidh
Gu 'n dad a's feàrr na buntàta lom.
Mu 'n dean mi àiteach 's mu 'n tog mi bàrr ann
'S a' choille ghàbhaidh 'chur as a bonn
Le neart mo ghàirdein, gu 'm bi mi sàraichte
Is treis air fàilinn mu 'm fas a' chlann.
'Si so an diithaich 's a bheil an cruadal
Gun fhios do 'n t-sluagh a tha tigh 'nn a nail,
Gur la-olc a fhuaras oirnn luchd a bhuairidh
A rinn le 'n tuairisgeul ar toirt ann.
Ma ni iad buannachd cha mhair i buan dhail)h,
Cha dean i suas iad 's cha 'n ioghnadh learn,
'S gach mallachd truaghain a bhios 'g an ruagadli
Bho 'n chaidli am fuadach a chur fo 'n ceann.
Bidh gealladh làidir 'ga thoirt an tràth sin,
Bidh cliii an àite 'g a chur am meud ;
Bidh iad a gràitinn gu bheil 'ur càirdean
Gu sona saibhir gun dad a dh' eis :
Gach naigheachd mheallta 'g a toirt gu 'r n-ionn-
saidh-se
Feuch an sanntaich sibh dol nan deigh ;
Ma thig sibh sùbhailt 'n uair 'chi sibh iadsan
Cha 'n fheàrr na stàtachan na sibh fèin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence