Skip to main content

‹‹‹ prev (35)

(37) next ›››

(36)
28
àite ; ach is oigiii gu'm bi e gu h-iomlan air a dheilbh as
ÙT. Ach an d' thug an dìle air falbh truaillidheachd nàd-
uir an duine ? An do leasaich i a' chùis ? Cha do leasaich.
Tha Dia, 'na f hreasdal uaoraha, " chum gu druidear gach
uile bheul, agus gum bi au saoghal nuadh uile buailteach do
dhiteadh Dhe," comaith ris aii t-sean saoghal, a' ceadachadh
do thruailUdheachd nàduir briseadh a mach ann an Noah,
athair an t-saoghail nuaidli, an dèigli do'n dìle dol seach-
ad Feuch esan mar Adhamh eile, a' peacachadh le meas
craoibhe," Gen. ix. 20, 21. "Shuidhich e fion-ghàradh, agus
dh'òl e do'n f hìon, agus bha e air mhisg, agus bha e lomnochd
a stigh 'na bhùth." A thuiUeadh air sin, tha Dia a' tabhairt
an reusain cheudna an aghaidh dìle nuaidh, a thug e ann
ar bonu-teagaisg airson dìle thabliairt air an t-seann saogh-
al ; " Cha mhaUuich mi, ars esan, a rìs an talamh ni's mò air
son an duine, oir a ta smuainte cridhe an duine olc o' òige,"
Gen. viii. 21. Leis am bheil fios air a thoirt duinne, nach
'eil leasachadli air a' ghnothach leis a' mheadhon so ; agus
nam b'e 's gu'n gabhadh e do ghnàth a' cheart rathad ri
daoine a rinn e, bhiodh e do ghnàth a' cur tuiltean air an
talamh, do bhrìgh gu bheil truaiUidheachd nàduir an duine
a' buanachadh mar a bha e. Ach ged nach b'urrainn an dìle
truaillidhcachd nàduir a thabhairt air falbh, gidheadh
sheòl i dh' ionnsuidh an rathaid leis am bheil e air a
dheanamh ; sin ri ràdh, gur eigin do dhaoine bhi air am
breith o uisge agus o'n Spiorad, air an togail o bhàs spiorad-
eil ann am peacadh le gràs losa Criosd, a thàiuig trid
uisge agus trid fuil ; a mach as am bheil ag eirigh saoghal
nuadh do naoimh ann an ath-ghineamhuin, eadhon mar a
bha'n nuadh-shaoghal do pheacaich ag èirigh a mach as
na h-uisgoachan, far an robh iad fada 'nan luidhe adhlaichte
(raar gu ba'nn) san àirc. Tha siun ag iunnsachadh so o
1 Pliead. iii. 20, 21. aims am bheil an t-Abstol a' labhairt
mu àirc Noah, ag ràdh, " Anns an robh beagan sin r'a
ràdli ochd anamau, air an tearnadh trid uisge. Tha'ra
baisteadh mar sliamladh a tha co-fhreagradh dha so 'gar
tearnadh-ne." A nis air bhi do uisgeacha nadìle 'nan samh-
ladh a ta co-f hreagradh do'n bhaisteadh ; tha e gu soiUeir
a' leantuinn, gu'n robh iad a' ciaUachadh (mar a ta 'ra
baisteadli a' deanamh) ionnlad na h-ath-ghineamhuin, agus
ath-nuadhachadh au Spioraid naoimh. Gu comh-dhunadh
ma ta, feudaidh na li-uisgeacha sin, ged tha iad a nis air an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence