Skip to main content

‹‹‹ prev (34)

(36) next ›››

(35)
27
cuireadh esan bacadh orra : " Oir, mar aiin an uisge
a f hreagras aghaidh do aghaidh.niar sin freagraidh cridhe
duine do dhuine," Gnath-f lioc. xxviii. 19. Dheilbh tuiteam
Adhaimh cridheachan gach uile dhaoine co-ionnan san ni
so. Uaithe so tha'n t-Abstol, Rom. iii. 10 — 18. a' dearbh-
adh truaillidheachd nàduir, eridheachan agus beatha nan
uile dhaoine, o na tha'n Salmadair ag ràdh mu 'na h-
aingidh 'na la fein, Salm xiv. 1, 2, 3. ; v. 9. ; cxl. 3. ;
X. 7. ; xxxvi. 1. ; agus o na tha leremiah ag ràdh 'na là-
san, ler. xi. 3. agus o na tha Isaiah ag ràdh mu na daoine
bha beo 'na là-san, Isa. Ivii. 7, 8. agus a' criochnachadh
leis sin, ann an Rom. iii. 19. " A nis a ta fhios againn ge
b'enithe ata'nlagha' labhairt, gurann riusan atafuidh'n
lagh a ta e'gan labhairt : chum gu druidear gach uile bhenl,
agus gu'm biodh an saoghal uile buailteach do dliìteadh Dia.''
Nam biodh eachdraidh na dìle air a toirt dhuinne gun an
reusan a thoirt a ta sa' bhonn-teagaisg ; dh' fheudamai<l
uaithe sin truaillidheachd agus seacharan nàduir an duine gu
h-iomlau fhaicinn ; oir ciod eile a chomh-stri a dh' fheud-
adh a bhi aig Dia naomh agusceart risnanaoidheana abha
air an sgrios leis an dìle, oir cha robh peacadh gniomli
aca ? Nam faiceadh sinn duine glic, air dha mìr do ob-
air innealta dheanamh, agus e làn-toilichte leis 'nuair a
ohuir e as a laimh e, raar mhìr a bha iomchuidh airson an
f hèum a shonruich e air a shon, ag eirigh suas ann am
feirg agus 'ga bhriseadh 'ua bhloidibh, 'nuaira dh' amhairc
e air an deigh sin ; nach measamaid gu'n robh an deilbh
aigair a thur-mhilleadh, an dèigh dha dol as a laimh, agus
nach 'eil e iomchuidh airson an f hèum sin a runaicheadh
air a shon an toiseach ? Ciamò gu mòr, 'nuair a chi sinn
an Dia naomh agus glic, a' sgrios obair a lamha fèin. mu'n
<iubhairte aon uairgu soleimnte gu'n robh e gu ro-mhaith,
nachfeum sinn amheasgu bheil a' cheuddealbh air a tur-
mhilleadh, nach feud i bhi air a càradh, ach gur eigin di
bhi air a deanamh nuadh, no air a cur air cul gu h-iomlan ?
Gen. vi. 6, 7. " Agus b'aithreach leis an Tighearna gu'n
d'rinn e'n duine air an talamh, agus thog e doilgheas dha na
chridhe : agus thubhairt an Tighearna, Sgriosaidh mi'n
duine :" no dubhaidh mi mach e, mar a dhubhas duine mach
à leabhar, sgriobhadh àraid nach urra bhi air a cheartachadh
le cuid do na litrichibh no do na focail a ghearradh a macb,
agus litrichean agus focail eile chur an sud san so 'nan

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence