Skip to main content

‹‹‹ prev (32)

(34) next ›››

(33)
Duatharachd na Mara IT
Tha e nàdurra gu leòir, matà, gu 'ni biodli an Fheinn,
is iad a' cothachadh ris a' chuan, 'ga mheas mar nàmhaid ;
agus ni 'sam bith ata 'na nàmhaid tlia faireachdainnean
aige : agus ni aig a bheil faireachdainnean feadh an latha
tha fnil is feòil air 'nuair thig an oidhche — co-dhiù, tha
comas niaith is nilc aige. Theagamh, mata, nach 'eil e
tuaitheal idir a bhi smaointinn gu 'm b' i Mhuileartach
no a' Mhuireartach Bhuidhe an Cuan Siar fein anns an
fheòil. Agus gu cinnteach cha 'n fhacas riamh fo ghrein
no fo ghealaich cailleach cho oillteil 's cho ceaimsgalach
rithe.
Bha h-aodann dubh-ghorm air dreach a'ghuail,
'S a deud cnaj^adach cnàmh-ruadh. p ,
Bha aon sùil ghliimach 'na ceann t '^ / v/ j
Bu luaithe na rionnag gheamhraidh,
Craobh mhineach chas air a ceann
Mar choille sgràbaich'^'de 'n t-seana chritheann. <*?/«— .
Cha 'n iongantach idir ged dh' fheuch Fionn r'a breug-
nachadh air falbh le cumhacha, sithe.
Bheireadh Mac Cumhail sud di gun diombadh,
Deich ceud chon air choimhlion eille —
Gabh an cumha is an còrr,
Deich ceud ubhlan dearg òir.
Ach an e gu 'n gabhadh ise ceannach no breugnachadh is
Ian cruinne de dh' or is de dh' airgiod aice an aigeal a'
chuain ?
Buaidh na h-Eireann ged gheibhinn uile
Le h-òr, le h-airgiod, le h-ionmhas,
B' fhearr leam air bòrd air mo luing
Ceann Oscair is Dhiarmaid is Choirill.
Agus cha robh tarruing làmh no seasamh chas aig na
Fianna fo fhraoch na cailliche gus an do thachair i fein
agus Fionn air a cheile.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence