Skip to main content

‹‹‹ prev (45)

(47) next ›››

(46)
42 DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT.
son creidimh aunad-fèin — ag ìarraidh creidimh
annad-fein, mar gu'n gabhadh è faicinn mar sin
agus mar gu'm bu ghnìomh, no obair è gu bhi
air a deanamh leat, agus tu air aon làimh a' toirt
oidhirp air a deanamh, agus air an làimh eile a'
feuchainn ri fios 'fhaotuinn an deachaidh an
obair leat ? Ceadaich dhomh ìnnseadh dhuit
nach 'eil focal Dhè ag ràdh idir an tì a chreideas
e-fèin a bhi 'n a chreidmheach, " tha a' bheatha
mhaireannach aige," ach " an tì a chreideas anns
a Mhac tha a' bheatha mhaireannach aige."
Eòin o. 36. Tha thus' a' smuaineachadh air a'
chùis so mar gu'm bitheadh slàint a' teachd o
aithneachadh ort-fèin gur creidmheach thu, an
àit Criosd aithneachadh mar an t-aon Slànuigiiear
uile-chumhachdachd. Is maith gun teagamh
fios a bhi aig neach gur creidmheach è. Ach
ann an labhairt an so air creidimh, mar fhear-
gabhail, cuimhnich gu'm faighear fios air sin aig
'àm fèin le aire cheart a thoirt do cuspair ar creid-
imh — do'n ni sin a tha creidimh a' gabhail — cha
n-ànn le creidimh agus a chuspair a dhealachadh
o 'cheìle, no le farraid, an d'f huair sinn creidimh ?
Cha n-urrainn creidimh a bhi aig neach a
dh-easbhuidh cuspair a' chreidimh, agus geda
b'urrainn, is beag a b'fhìach è. Is è Criosd
an Slànuighear, agus thig slàint tre chreid-
imh amhàiìi an uair a ghabhas è Criosd. Is è
Dia a tha 'tabhairt fianuis mu Chriosd, agus teàr-
naidh creidimh amhàin an uair a ghabhas è
jianuis Dhe. Cha n-ànn idir ann an creidimh
fèin a tha an èifeachd theàrnaidh, ach anns an ni
a ghabhar le creidimh.
Sin anis, matà, mar ruigear air an èifeachd

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence