Skip to main content

‹‹‹ prev (44)

(46) next ›››

(45)
DEARBH-BHEACUD AIR SLAINT. 41
seadh is ànn " le gràs tre cbreidimh" a gheibhear
dearbh-bbeachd air slàint. Ach ann am beachd-
achadh air a' mheur so de 'n teagasg fèumar a'
cheart aire 'thoirt do dhà ni àraid mu thimcbioll
creidimh. Is è an ceud ni matà, Cha n-'eil ann
an creidimh ach amhàin fear-gabhail ann an
gnothach ar slàinte : is è sin ri ràdh, cha n-'eil
neach ann an creidsinn, no ann an gnàthachadh
creidimh, a' deanamh ni èigin, ach a gabhail ni
èigin. An dara ni, is è an f hìrinn, a tha sinn
mar sin a' gabhail, fianuis Dbè mu thimcbioll a
Mhic, losa Criosd. Is è aineolas air aon air-bith
de'n dà ni sin is màthair-aobhair do'n dorchadas
agus do'n teagamh a gheibhcar aig Criosduidhean
mu dhearbh-bheachd air an slàint fèin.
Anns a' cbeud àit, matà, is fear-gabhail amhàin
creidimh ann an gnothach ar slàinte : seadh, tha
sinn ag ràdh, ann an gnothach ar slàinte, a chionn,
air dhuinn a bhi air ar teàrnadh, gu'm bheil
creidimh 'n a fhear-oibreachaidh annainn agus
arèir sin tha sinn a' lèughadh gu'm bheil Criosd-
uidhean 'g an cleachdadh fein ann " an obair a'
chreidimb," agus ann " an còmhrag a' chreidimh,"
ogus ann " an gluasad a' chreidimh." Ach is
ann amhàin do na fìor Chriosduidhean a bhuineas
na briathran sin agus briatbran eile cosmhuil riu
mu chreidimh — dboibh-san a tha air am firean-
achadh tre chreidimh. Labhraidh sinn aig an
àm so air creidimh mar bhuineas è do ar slàint
agus do dhearbh-bheachd, no air creidimh mar
fhear-gabhaib
Ach, a lèugbadair ionmbuinn, ciamar a bba
's a tha thus' ag amharc air creidimh, no ciod è do
bheachd air? Am bheil thu nis a' sealltuinn air-
d3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence