Skip to main content

‹‹‹ prev (46)

(48) next ›››

(47)
DEARBH-BHEACHD AIR vSLAINT. 43
theàriiaidli a ta aiin an cuspair beannaicht' a'
chreidimh ; agiis, a Chriosduidh iomnhiiinn, miir
bitheadh tusa air do luasgadh aniill 's anàll le
teagamh 'us ceistean lìonmhor gun fhèum a
thàinig o theagasg mhearachdach, bhitheadh
agad sìth làn agus phailt, agus dearbh-bheachd
taitneach amhàin le beachdachadh air Criosd fèin
neach a's è cuspair a' chreidimh. Thig, matà,
agus faic Uan Dhè. Leig dhìot an dràst na
ceistean agus gach teagamh a ta agad mu do
thimchioll fèin, agus feuch an gabh iad uile
socrachadh le amharc suas gu dìreach air losa.
Cò è losa ? Is esan Mac Dhè, agus Mac an
duine. Is è uchd an Athar 'àit-còmhnuidh o
ehìorruidheachd ; gidheadh dh'ìlsich se e-fèin gu
bhi 'n a naoidhean gun smal do'n òigh. Ciod an
teachdaireachd air an tàinig è do'n t-saoghal so ?
Thàinig è a dh-fhoillseachadh an Athar, agus a
shaoradh an diiine. Ciod an sgèul a ta air
'ìnnseadh le breith, le beatha agus le bàs losa,
mu chridhe caomh an Athar ? Ciod a tha seal-
ladh agus guth agus briathran agus oibrean
agus slighean losa Criosd a' labhairt ? Nach
'eil freagairt do na nithibh sin uile air 'fhilleadh
suas anns na briathraibh so " gràs agus fìrinn ?"
Is fìrinn è gu dearbh, oir ma tha Dia gràsmhor,
tha è fìor. Cha cheadaicheadh Dia do smal
teachd air a naomhachd, a chum sligh 'fhosgladh
d'a ghràs gu sruthadh amach. Cha bu ghràs
Dhè è idir na'n tàinig smal air a naomhachd,
no na'n robh a cheartas air 'f hàgail gun làn riar-
achadh ann am foillseachadh a ghràis. Agus
ciod a chithear ann an sin uile, ach tuilleadh
dearbhaidh do chridhe gach duine air mòr ghràdh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence