Skip to main content

‹‹‹ prev (246)

(248) next ›››

(247)
mar idlachadh fa diomìiaìr a BìlÌus. 23y
lìnnibhri teacbd, 'n uair a bhiodh iad gus an saogh-
al fliàgail.
Tha briathran an stèigh-theagaisg a'cuir an
cèill co'-chomunn aoibhneach a measg chàirdean,
a bh' air an cadar-sgarachduinn le bàs ; agus leis
a sin €l co'-dhaighneachadli dòchas taitneach
dhaoine maithe ; gun aithnich càirdean a chèile,
agus gun athnuadhaich iadan eolas san ath-shaogh-
al. Nach ioma beachd sòlasach a tha so a' fos-
gladh do'n inntinn ! Nach mòr an co'-leasachadh a
tha è toirt seachad air son diomhanas na beatha,
agus a' lughdachadh àmhghair aig àni bàis ! Oir
cha'n fhaodar àicheadh, URch è bhi dealuchadh
ri càirdean gaolach, aon de na nithibh is cràitich
aig àm a bhàis. Tha so a' cuir midaid an dà
chuid, orra-san a tha dol eug, agus a tha fuireach
a làthair ; agus 's è cràdh mar sin is goirte tha
drughadh air cridhe nan ionracan. An uair a
bhitheas iad air an cuairteachadh le'n caomh
theaghlach, agus le'n dàimhich bhrònach, tha
duine math a' gabhail a chead deireannach de na
b' annsa leis àir thalamh ; 'n uair, a tha e le guth
fann, a' buileachadh a bheannachd ona, ma'm fàg
è am feasd iad ; 'n uair tha è faicinn gnùis, a'
glacadh laimh, 's ag èisdeachd ri guth tiomh-
aidh an neach bu doclia leis air thalamh ; co b
urrainn cràdh a mhulaid so a ghiulan, mar biodh
misneach air a thoirt seachad le dòchas diadh^
aidh ? mar biodh cogar air a chuir 'n ar cluais,
gun robh sinn fein, agus iadsan a b'annsa leinn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence